Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Deasbad Nàiseanta BT AlbaBT Alba gus leantainn le taic airson Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Sgoiltean toilichte ainmeachadh gu bheil BT Alba air aontachadh leantainn le taic a chuir ris an fharpais airson 2008. Tha BT Alba, a tha an de bhith cuir taic ris an fharpais bho 1999, den bheachd gu bheil obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan ionadail, carthannasan agus riaghaltas a dèanamh eadar-dhealachadh ann am beatha dhaoine, fosgladh dhorsan gu foghlam, obair, dibhearsain agus com-pàirteachadh sòisealta. Tha Deasbad Nàiseanta BT Alba fosgailte gu sgoilearan Àrd-sgoil bho air feadh na dùthcha aig a’ bheil Gàidhlig agus tha e a-toirt cothrom dhaibh coinneachadh agus deasbad mu cuspairean a tha riatanach aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bho chaidh a thòiseachadh ann an 1999, tha Deasbad Nàiseanta BT Alba air fàs gu bhith na phàirt cudthromach den bhliadhna acadaimigeach, le sgoiltean bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. Chaidh seo aithneachadh ann an 2003 nuair a fhuair an fharpais duais Eòrpach airson Coileanadh Cànain. Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha Cuairt-deireannach an fharpais, a tha air a’ chraoladh beò air BBC Craoladh nan Gàidheal, an dè bhith air a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba. Thubhairt Calum Iain Macleòid, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh, “Tha sinn toilichte gu bheil BT Alba air aontachadh leantainn taic a chuir ris an Deasbad. As aonais an taic bho BT Alba, cha bhiodh e comasach na cloinne a tha seo bho air feadh Alba a thoirt còmhla airson an Deasbad agus tha sinn gu mòr taingeil air a shon. Fhads a tha an fharpais a dol bho neart gu neart, tha na sgoilearan a gabhail pàirt cuideachd a’ faighinn tuilleadh misneachaidh, agus leasachadh na sgilean rannsachaidh agus deasbaid aca. Tha sinn coimhead air adhart ri farpais fìor-mhath a-rithist na bliadhna sa.” Thubhairt Liz Turner, Manaidsear Dleastanasan Chorporra, BT Alba: “Tha BT Alba moiteil seach gu bheil an cothrom againn taic a chuir Deasbad Gàidhlig nan Sgoiltean a-rithist na bliadhna sa agus gus pàirt a chluich ann a bhith a’ moladh Gàidhlig. Tha BT air milleanan de notaichean a chuir a-steach do phrògram foghlaim farsainn agus tha sinn ag obair cruaidh gus cuideachadh daoine òga na sgilean conaltraidh aca a leasachadh. Tha sin sgilean conaltraidh seo, bruidhinn agus èisteachd, nas cudthromaiche an diugh leis na tha sinn a cleachdadh de stuthan didseatach, gun diofar dè an cànan a tha thu cleachdadh. ‘S e cothrom a tha ann an Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean dha na daoine òga seo sealltainn na sgilean labhairteach agus èisteachd aca, agus cho ìmpidheach sa tha iad.” Tha Comunn na Gàidhlig, MG Alba, BBC Alba agus Comhairle nan Eilean Siar cuideachd a cuir taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba |
BT Scotland National Schools’ DebateBT Scotland to continue with support for Gaelic Schools’ Debate
The National Gaelic Schools’ Debate Management Committee is delighted to announce that BT Scotland has agreed to continue with its support for the competition for 2008. BT Scotland, which has supported the competition since 1999, strongly believes that working in partnerships with local communities, charities and government, it can make a difference in peoples lives, opening doors to education, jobs, entertainment and social inclusion. The BT Scotland National Schools’ Debate is open to senior secondary Gaelic-speaking students from all parts of the country and it gives them an opportunity to meet and debate issues of local, national and internation relevance. Since its inception in 1999 the BT Scotland National Schools Debate has become an integral part of the acadaemic calendar attracting schools from all parts of Scotland. This was recognised in 2003 when the competion was presented with a European Award for Language Achievement. In recent years the competition Final, which is broadcast live on BBC Craoladh nan Gàidheal, has been held at the Scottish Parliament. Calum Iain Macleod, Chairman of the Management Committee said, “We are delighted that BT Scotland has agreed to continue with their sponsorship of the Debate. Without the generous support from BT Scotland, it would be impossible to bring children from across Scotland together for the Debate and we are indebted to them for this. As the competition goes from strength to strength so does the confidence, and the research and debating skills of the participants. We look forward to another exciting competition this year.” Liz Turner, Corporate Responsibility Manager, BT Scotland, said: “BT Scotland is proud to be able to support the National Gaelic Schools Debate again this year and to play our part in celebrating the Gaelic language. BT has invested millions of pounds over the years in an extensive education programme and we work hard to help young people improve their communication skills. Indeed, the core communication skills of speaking and listening are even more essential in the digital age, regardless of the language you are using. The Gaelic Schools Debate is now a showcase event for young people to demonstrate their speaking and listening skills as well as their powers of persuasion”. The BT Scotland National Schools’ Debate is also supported by Comunn na Gàidhlig, MG ALBA, BBC Alba and Comhairle nan Eilean Siar. |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||