Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Gàidhlig air a’ Bhàta 20081mh Iuchair 2008 Tha am pròiseact air leth soirbheachail “Gàidhlig air a’ Bhàta” air ais am bliadhna, an com-pàirt ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig. Bidh Oifigearan Fiosrachaidh air bòrd nam bàtaichean-aisig a tha a’ siubhal eadar an t-Òban/Col/Tiriodh, Ùig/Loch nam Madadh/ An Tairbeart agus Ullapul/Steòrnabhagh. Bheir na h-Oifigearan fiosrachadh do luchd-siubhail air Gàidhlig is cultar cho math ri bhith toirt seachad fiosrachaidh mu nithean a dh’fhaodar a dhèanamh, àitean a dh’fhaodar a thadhal agus tachartasan a tha a’ gabhail àite air na Cearcaill na Gàidhlig eadar-dhealaichte. Còmhla ri bhith toirt seachad fiosrachaidh mu eachdraidh a’ chànain, bheir na h-Oifigearan Fiosrachaidh cuideachd seachad fiosrachadh mu iomairtean airson a’ chànan adhartachadh. Gheibh luchd-siubhail an cothrom facail agus abairtean goirid ionnsachadh agus fiosrachadh mu na dòighean eadar-dhealaichte a tha rim faotainn gus a’ chànan ionnsachadh. Crìochnaichidh gach seisean le ceòl no òran Gàidhlig bhon Oifigear Fiosrachaidh. Bidh luchd-siubhail a tha an làthair air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail agus ceistean fhaighneachd aig deireadh an t-seisein. Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Eardsaidh MacIlleathain, “Tha CnaG uabhasach toilichte a bhith ag obair còmhla ri Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig air pròiseact “Gàidhlig air a’ Bhàta” am bliadhna a-rithist. Tha e a’ toirt dhuinn toileachas sònraichte a bhith ag obair còmhla ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig. Tha mi den bheachd gu bheil àite mòr aig Turasachd Chultarail ri chluiche ann a bhith a’ cruthachadh chothroman eaconamach ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. ’S e eileamaid chudromach a tha ann an Cearcaill sna Gàidhlig ann a bhith brosnachadh dhaoine gus tadhal air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus tha sinne uabhasach toilichte a bhith mar phàirt dheth. Fhuair sinn fios air-ais mhìorbhaileach bhon luchd-siubhail a bha an làthair aig na seiseanan againn air na bàtaichean-aisig an-uiridh agus tha sinn làn chinnt gun till cuid dhiubh a-rithist am bliadhna gus leantainn air an turas aca gus barrachd fhaighinn a-mach mun Ghàidhlig agus a cultar. B’ ann bho air feadh an t-saoghail a bha tòrr de na daoine a bha an làthair an-uiridh agus thug mòran dhiubh brath bhrosnachail seachad mo phròiseact Gàidhlig air a’ Bhàta. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri samhradh eile a cheart cho soirbheachail air bòrd! Thuirt Prìomh Neach-stiùiridh ChalMac, Lawrie Mac na Ceàrdaich, “Tha mi uabhasach fhèin toilichte gum bi seiseanan Gàidhlig air a’ Bhàta a’ gabhail àite air aiseagan Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist air an t-samhradh seo. Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ gealltainn Gàidhlig a bhrosnachadh agus tha e iomchaidh gum bi cothrom aig ar luchd-dèilig tuilleadh ionnsachadh mu chànan agus cultar nan eilean a tha aiseagan CalMac a’ frithealadh. Chòrd “Gàidhlig air a’ Bhàta” ri daoine an-uiridh, agus tha mi uabhasach toilichte gum bi cothrom aig tuilleadh luchd-dèilig pàirt a ghabhail sna seiseanan fiosrachaidh a-rithist am bliadhna.” Thuirt Joe Mac a’ Phì, Manaidsear Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, “Tha Cearcaill na Gàidhlig na shreath inntinneach de chuairtean tro na h-eileanan agus Taobh Siar na Gàidhealtachd. Tha buidhnean com-pàirteachaidh Chearcaill na Gàidhlig uabhasach toilichte gu bheil Gàidhlig air a’ Bhàta a’ gabhail àite a-rithist am bliadhna oir tha fìor cho-aonta aige ri pròiseact Chearcaill na Gàidhlig, gu h-àraidh seach gu bheil còig tursan ùra ann am bliadhna. Tha sia Cearcaill na Gàidhlig ann an leabhar mhìorbhaileach a gheibhear sna bùithtean air bòrd aiseagan ChalMac airson dìreach £5. Tha tuilleadh fiosrachaidh air Cearcaill na Gàidhlig ri fhaotainn air an làrach-lìn aig www.gaelic-rings.com Gun teagamh, ni Cearcaill na Gàidhlig agus seiseanan Gàidhlig air a’ Bhàta cinnteach gum bi deagh chothrom aig luchd-turais air a’ Ghàidhlig fhad ’s a tha iad a’ siubhal eadar na h-eileanan àlainn againn nach eil coltach ri eileanan eile air an t-saoghal.” Thuirt Coinneach Moireach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, “Tha e mìorbhailteach a bhi a’ coimhead a’ phròiseact, Gàidhlig air a’ Bhàta a’ dol am bliadhna s’ a-rithist. Tha a’ phròiseact air a bhi soirbheachail ann a bhith a’ tàladh luchd-turais chun chànan agus tha cuid aca air oidhirpean mhath a dhèanamh beagan dhan chànan ionnsachadh. Tha an dòigh obrach seo, far am bheileas a’ co-obrachadh còmhla ri Cearcaill na Gàidhlig na eisimpleir air dòigh-obrach a tha cudromach airson fàs agus leasachadh sa chànan agus tha am Bòrd deigheal air an seòrsa dòigh-obrach seo a leudachadh sna mìosan agus bliadhnachan air thoiseach oirnn.” Bidh seiseanan fiosrachaidh air bòrd MV Lord of the Isles, Clansman, Hebrides agus an Isle of Lewis bhon 7mh Iuchar airson ochd seachdainean. ’S iad na h-Oifigearan Fiosrachaidh, Lindsay Mitchell, Cara NicIlleathain, Camshron Wilkie agus Iain Aonghas MacFhionghain Airson tuilleadh fiosrachaidh air a’ phròiseact seo, cuir fios gu Dòmhnall Morris, Comunn na Gàidhlig, 01463 234138 |
Gaelic on Board 20081st July 2008
The highly successful “Gàidhlig air a’ Bhàta” (Gaelic on Board) project is back again this year and is working alongside The Gaelic Rings initiative. Information Officers will be on board the ferries making the Oban/Coll/Tiree, Tiree/Barra, Uig/Lochmaddy/Tarbert and the Ullapool/Stornoway crossings. The Officers will be provide passengers with some information on the Gaelic language and culture as well as information on things to do, places to see and events happening on the various Gaelic Rings. As well as giving some information on the history of the language the Information Officers will provide passengers with an up to date picture of the current state of the language. An opportunity to learn basic words and phrases will also be given to passengers in attendance as well information on the different ways available to learn the language. Each session will conclude with Gaelic songs or music provided by the Information Officer. Passengers attending the sessions will be encouraged to participate and at the end of each session to ask questions. Comunn na Gàidhlig Chief Executive, Archie Maclean said, "CnaG is delighted to be working with Caledonian MacBrayne, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig on the "Gaelic on Board" project again this year. It is particularly pleasing to be working in conjunction with The Gaelic Rings initiative. I believe that Cultural Tourism has a huge part to play both in current efforts to revitalise the Gaelic language and also for creating economic opportunities in Highland and Island communities. The Gaelic Rings is an important component in current efforts to attract people to the Highlands and Islands and we are delighted to be part of it. We had fantastic feedback from passengers who attended the sessions on the ferries last summer and we are confident that some of the passengers visiting the islands last year will return this year to continue on their journeys of discovery of the Gaelic language and culture. Many of last year's sessions were attended by people from all over the world and many commented positively on the Gaelic on Board project. We look forward to another equally successful season on board!” CalMac Managing Director Lawrie Sinclair said, “I am delighted that “Gaelic on Board” sessions will take place onboard Caledonian MacBrayne ferries again this summer. Caledonian MacBrayne is committed to the promotion of Gaelic, and it is fitting that our customers will have the opportunity to learn more about the language and culture of the islands served by CalMac ferries. “Gaelic on Board” proved very popular last year, and I’m extremely pleased that more customers will have the opportunity to enjoy the information sessions again this year. Joe MacPhee, Development Manager of Comhairle nan Eilean Siar, stated that…“The Gaelic Rings is a groundbreaking series of trails celebrating Gaelic language and culture throughout the Hebridean islands and West Highland mainland. The partners of The Gaelic Rings are delighted that the Gaelic on Board sessions are being held again this year as there is real synergy with The Gaelic Rings project, particularly with the introduction of the five new journeys this year. The six Gaelic Rings journeys are contained in a stunning book, available from the Onboard Shop on CalMac ferries for only £5. More information on The Gaelic Rings is available on the website at www.gaelic-rings.com Without doubt, both The Gaelic Rings and the Gaelic on Board sessions will ensure that visitors will be able to enjoy a Gaelic-rich experience as they travel to and from our unique and beautiful Hebridean islands”. Kenneth Murray, Chief Executive of Bòrd na Gàidhlig said, “It is great to see this initiative taking place again this year. Gàidhlig air a’ Bhàta has proved successful in encouraging people to find out more about the Gaelic language and culture and even learn some of the language. “This initiative working alongside the Gaelic Rings project is an example of how partnership working is crucial to the future growth of Gaelic and is something the Bòrd is committed to seeing more of in the months and years ahead.” The information sessions will take place on board MVs Lord of the Isles, Clansman, Hebrides and Isle of Lewis for eight weeks starting on 7th July. The Information Officers will be, Lindsay Mitchell, Cara Maclean, Cameron Wilkie and John Angus Mackinnon. For further information on this project, please contact Donald Morris, Comunn na Gàidhlig, 01463 234138 |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||