Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Sgeama Taic nan Oileanach11mh Faoilleach 2008 Tha oileanach a tha an sàs ann an cùrsaichean Gàidhlig anns an colaistean agus oilthighean air feadh Alba a’ faighinn buannachd bho sgeama thabhartasan a tha air a ruith le Comunn na Gàidhlig (CnaG), agus a tha air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. (BnaG) Tha an sgeama (Sgeama Taic nan Oileanach) ag amas air cuideachadh oileanaich le na cosgaisean neo-sheachnach an lùib ionnsachadh agus tha e gu tur sùbailte le taic air a thabhann a rèir feumalachdan taobh-a-staigh buidseit £18,000. Aig an ìre is àirde, ’s mathaid gu faigh oileanaich pàirt-ùine nach fhaigh cothrom air sgeamaichean tabhartasan nàiseanta an cìsean a phàigheadh tro Sgeama Taic nan Oileanach ach tha e na amas aig Cnag agus aig BnaG gu faigh a h-uile oileanach taic aig ìre air choireigin. Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig CnaG, gun robh sgeama taic nan oileanach mar phàirt de phrògram fharsaing airson Gàidhlig ionnsachadh agus airson cosnadh fhaighinn a bha a’ gabhail a-staigh greis gnìomhachais an t-samhraidh agus taic do luchd-ceumnachaidh ann an obair làn-ùine. Am bliadhna tha an sgeama air taic a thoirt do 40 oileanach à Leòdhas, Uibhist, Tiriodh, Inbhir Pheofharain, Malaig, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Narainn, Dùn Èideann, Fìobha, Ulapul, Glaschu agus Canada. Tha an àireamh 40 suas, taca ri 25 sa chiad bhliadhna 2005 agus 28 an uiridh – ach tha dòchas gun tèid na h-iarrtasan sìor am meud san am ri teachd. Thuirt Rosemary Ward, Manaidsear Foghlam aig Bòrd na Gàidhlig, gun robh iad air leth toilichte taic a thoirt do CnaG le bhith a’ stiùireadh sgeama taic nan oileanach. Bha e mar fhear de phrìomh amasan BnaG taic a thoirt do dh’ oileanaich a bha am beachd Gàidhlig a theagaisg neo seirbheisean taic foghlaim a libhrigeadh oir bha seo na thaic èiginneach don targaid bhunaiteach a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha na oileanaich a tha a’ faighinn taic am bliadhna a’ frithealadh cùrsaichean ann an colaistean agus oilthighean ann an Steòrnabhagh, Beinn nam Fadhla, Glaschu, Obar Dheathain, an t-Eilean Sgitheanach agus Dùn Èideann a-measg feadhainn eile. Ann an oidhirp cur ri àireamh luchd-teagaisg Gàidhlig tha oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsa teagaisg Gàidhlig a’ faighinn prìomhachas – tha ochdnar dhiù sin ann an 2007-8, bidh còignear a’ teagaisg bun-sgoil agus triùir àrd-sgoil. Tha Eileen Nic a’ Mhaoilein, aois 19, bho Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, na aon de na oileanaich a tha a’ faighinn taic bhon sgeama am bliadhna, agus tha i san dàrna bliadhna a’ dèanamh BA ann an Gàidhlig agus Cultar aig Colaisde a’ Chaisteil, an Steòrnabhagh, agus tha i an dòchas for-cheum a’ dhèanamh ann an teagaisg. Shoirbhich leatha na h-iarrtas airson taic fhaighinn bhon sgeama am bliadhna agus an uiridh agus tha e air leth feumail dhith mu choinneimh cosgaisean siubhail agus cosgaisean bidhe. Fhuair i fiosrachadh mun sgeama bho màthair Cathy Mary, a tha a-nise na tidsear i fhèin, agus a fhuair taic bhon sgeama thairis an dà bhliadhna a bha i an sàs ann an cùrsa-trèanaidh luchd-teagaisg pàirt-ùine. Thuirt Eileen gun robh an sgeama na chuideachadh mhòr mu choinneimh cosgaisean leabhraichean airson a’ chùrsa. A dh’ aindheòin a bhith a’ cosnadh feadh an t-samhraidh ann an taigh-bidhe nan Gearranan agus a’ cumail clas Gàidhlig feadh mhìosan a’ gheamhraidh airson feadhainn a bha a’ feuchainn an cuid Gàidhlig a leasachadh, dh’ aidich i gun robh airgead gu math gann. Oileanach eile a bhuannaich bho sgeama na bliadhna seo se Cailean Seòras Moireasdan, aois 18, à Barabhas, Eilean Leòdhais, a tha anns a’ chiad bhliadhna aig Colaisde a’ Chaisteil ag ionnsachadh Gàidhlig agus Atlantic Studies. Chuala e mun sgeama bhon Cholaisde fhèin agus tha e air a bhith na chuideachadh dha le cosgaisean siubhail agus bidhe. Tha e am beachd a’ dol a-staigh airson teagaisg no na meadhanan agus bidh e a’ coimhead ris an sgeama airson taic sna bliadhnaichean ri thighinn. Tha Claire Nic Thomais, aois 24, bho Rathad Crois Sgiogarstaigh, Nis, Eilean Leòdhais, an-dràsta a’ dèanamh cùrsa neach-teagaisg bun-sgoile le teisteanas for-cheum aig Oilthigh Sruighlea. Roimh seo fhuair i ceum ann am feallsanachd aig Oilthigh Caledonia Ghlaschu. Dh’ innis a’ neach-teagaisg sa cholaisde dhith mun sgeama agus tha i ag ràdh gu bheil e air leth feumail do dh’ oileanaich a tha gabhail uallach mu fhiachan a tha sìor dhol am meud a dh’ aindheoin a bhith a’ cosnadh pàirt-ùine gus cosgaisean a chòmhdach. Tha i air eòlas teagaisg fhaighinn mar-tha aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus tha i a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur na dh’ ionnsaich i an gnìomh sa chlas. Thuirt Calum Iain gun robh e cudromach gun robh fios aig a h-uile oileanach a bha a’ gabhail cùrsa Gàidhlig mun Sgeama agus, am bliadhna, bha CnaG air a h-uile oidhirp a dhèanamh fiosrachadh fhaighinn chun na h-oileanaich le bhith a’ dèanamh dara sreath de dh’ fhoillseachadh aig Colaisdean/Oilthighean anns an t-Samhain gus cinnt a dhèanamh gum biodh làn iarrtas ann. Thuirt Calum Iain gun robh CnaG cuideachd an dòchas greis-gnìomhachais fhaighinn don dh’ oileanaich thairis mìosan an t-samhraidh agus, an urra ri maoineachadh, bhiodh iad a’ cur fios gu luchd-fastaidh a dh’ aithghearr mu sgeama 2008 – thug sgeama 2007 cothrom do 28 oileanach greis gnìomhachais fhaighinn le buidhnean Gàidhlig fad 10 seachdain san t-samhradh le CnaG a’ pàigheadh leth thuarastal gach oileanach. A bharrachd air an sgeama 10 seachdain, tha CnaG cuideachd a’ ruith Sgeama Ceumnachaidh do dh’ oileanaich a tha air ceumnachadh bho cholaisde/oilthigh far am bheil CnaG a pàigheadh 50% de chosgaisean luchd-fastaidh. Thuirt Calum Iain gun robh CnaG a’ faicinn na sgeamaichean uile co-cheangailte agus a’ toirt taic dheatamach do leasachadh obraichean Gàidhlig. Thuirt e, “Ma tha sinn dol a’ chur tilleadh air lughdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a tha an Alba an-dràsta, tha e cudromach gun toir sinn taic do ur daoine òga gus cothrom a thoirt dhaibh teisteanasan freagarrach fhaighinn. Tha sinn an taing Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar airson an cùl-taic.” Thuirt Rosemary Ward gun robh BnaG am beachd an cùl-taic a chumail ris an sgeama ach cuideachd gum biodh iad a’ coimhead ri bhith a’ toirt taic oileanach airson trèanadh in-sheirbheis do luchd-teagaisg ann an obair mar-thà. Bhiodh seo na chuideachadh do luchd-teagaisg aig a bheil eòlas air Gàidhlig ach aig nach eil an dànadas no na sgilean cànain gus Gàidhlig a chleachdadh mar mheadhan teagasg san t-seòmar teagaisg. Tha tàladh luchd-teagaisg àrd-sgoile le comasan an cuid chuspairean a theagaisg sa Ghàidhlig na phrìomh amas aig a’ Bhòrd gus am faigh sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cothrom air farsaingeachd de chuspairean. |
Sgeama Taic nan Oileanach11th January 2008 Students undertaking Gaelic courses in colleges and universities across Scotland are benefiting from a students grants scheme run by Comunn na Gàidhlig (CnaG), and funded by Bòrd na Gàidhlig (BnaG). The student grants scheme (Sgeama Taic nan Oileanach) aims to assist students with the unavoidable costs of studying and is entirely flexible, with assistance varying according to need within an overall budget total of £18,000. At the top end of the scale, part-time adult students who cannot benefit from national awards schemes may have their fees paid by Sgeama Taic nan Oilenach but it is the aspiration of both CnaG and BnaG that, wherever possible, all students are given some level of support. Calum Iain Macleod, Director of Development with CnaG, said that the student support scheme was part of a comprehensive programme for Gaelic learning and working, which included summer placements and full-time work-place support for graduates. This year, the students grants scheme has assisted a total of 40 students from Lewis, Uist, Tiree, Dingwall, Mallaig, Skye, Nairn, Edinburgh, Fife, Ullapool, Glasgow and Canada. The total of 40 is up from 25 in the first year, 2005, and 28 last year – but the hope is that the scheme will achieve an even wider take-up in the future. Rosemary Ward, Education Manager for Bòrd na Gàidhlig, said that they were delighted to be able to support CnaG in the management of this student grant scheme. One of BnaG’s priorities was to assist students who were aiming to join Gaelic teaching or education support services as this was a vital support for the basic target of increasing the number of Gaelic speakers. The students supported this year are attending college and university courses in Stornoway, Benbecula, Glasgow, Aberdeen, Skye and Edinburgh among other centres. In an effort to increase the number of Gaelic teachers, priority is given to students undertaking Gaelic teacher training courses – there are eight of those in 2007-8, of whom five are being trained to work in primary schools and three in secondary schools. Among the students who have gained support from the scheme is Eileen Macmillan, aged 19, from Carloway, Isle of Lewis, who is on the second year of a BA in Gaelic Language and Culture at Lews Castle College, Stornoway, and who hopes in the future to undertake a post-graduate teaching qualification. She was successful in her application for assistance under the Scheme both this year and last year and sees it as extremely useful for meeting both the costs of travelling daily to college and eating away from home. She had been made aware of the scheme by her mother, Cathie Mary, who, now a qualified Gaelic teacher, had herself, over the past two years, had support from Sgeama Taic nan Oileanach when she was undertaking a part-time teacher training course. Eileen said that the scheme was of great assistance with meeting the costs of books for her course. Despite having worked during the summer months in the Garenin Blackhouse village restaurant, and also taking a weekly Gaelic class at Breasclete for those trying to improve their knowledge of the language over the winter months, she confirmed that finances were always tight. Another student to benefit from the scheme this year is Colin George Morrison, aged 18, from Barvas, Isle of Lewis, who is in his first year studying Gaelic and Atlantic Studies at Lews Castle College. He heard about the scheme from the college itself and has found its assistance to meeting travelling and food costs to be very valuable. He is thinking about going into teaching or the media and hopes to apply again for the grant in coming years. Claire Thomson, aged 24, from Cross Skigersta Road, Ness, Isle of Lewis, is currently undertaking a course to become a primary teacher with a post-graduate degree at the University of Strathclyde. Previously, she obtained a degree in psychology at Glasgow Caledonian University. She was told about Sgeama Taic nan Oileanach by her college tutor and says it is very useful to students who are concerned about the mounting levels of debt during their college courses, despite having part-time jobs to help cover the costs. She has already had some teaching experience at the Glasgow Gaelic School and is looking forward to putting what she has learned into practice in the classroom. Calum Iain said that it was vital that all students undertaking Gaelic courses were made aware of the Scheme and that, this year, CnaG had made every effort to ensure that all students were aware of the scheme with a second round of publicity in Colleges/Universities having been made in November to ensure the maximum possible take-up. Calum Iain said that CnaG was also hoping to continue to provide work for Gaelic-speaking students over the summer and, subject to funding, would be contacting employers soon about the 2008 scheme – the 2008 student placement scheme enabled some 28 students to have a 10 week placement with a Gaelic organization with CnaG meeting up to half of the pay of each placement. In addition to this 10-week scheme, CnaG also run a Graduate Placement scheme for those who have graduated from colleges/universities where CnaG provides up to 50% of the costs to the employer. Calum Iain said that CnaG viewed all three schemes as interlinked and providing essential support for the development of Gaelic-related employment. He said, “If we are to reverse the decline in the number of Gaelic speakers now in Scotland, it is vital that we provide support to our young people to enable them to achieve relevant learning qualifications. We are grateful to Bòrd na Gàidhlig, Highlands & Islands Enterprise, Western Isles Enterprise and Comhairle nan Eilean Siar for their support.” Rosemary Ward said BnaG intended to continue to support the existing scheme but also would be looking at complementary support for in-service Gaelic training for existing teachers. This would aim to assist qualified teachers who have an existing knowledge of Gaelic but who lacked the confidence or the linguistic skills to use Gaelic as the medium for instruction in the classroom. Attracting more secondary teachers who can deliver their subjects through Gaelic is a key priority for the Bòrd to increase access to a wide range of subjects through Gaelic for Gaelic Medium secondary pupils. |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2009 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||