Dachaigh
Comunn na Gàidhlig a’ sireadh Buill ùr ’son a’ Bhòrd Stiùiridh
Tha sinn an dràsta a’ sireadh tagraichean bho dhaoine aig am bitheadh ùidh a bhith nam Buill de Bhòrd Stiùiridh Chomunn na Gàidhlig.
Mar a bhios fios aig a’ mhòr-chuid, ’s e CnaG aon de na buidhnean leasachaidh Gàidhlig is fhaide stèidhichte. Chruthaichear a’ chompanaidh ann an 1984 airson cor na Gàidhlig a leasachadh.
San latha a th’ ann, tha CnaG, a tha na chompanaidh prìobhaideach le inbhe carthannas, fhathast an sàs san obair leasachaidh seo, le cùmhnantan is pròiseactan sònraichte a thaobh òigridh; coimhearsnachdan is gnìomhachas.
Leugh barrachd: Comunn na Gàidhlig a’ sireadh Buill ùr ’son a’ Bhòrd Stiùiridh
Campa Sradagan 2013
01 gu 05 Iuchair 2013 - ÌLE, Port Sgioba
08 gu 12 Iuchair 2013 - NA HEARADH, Ionad Scaladail
Fosgailte do chloinn aig a bheil Gàidhlig 9-12 bliadhna a dh'aois
Fàilte
Fàilte do làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig
Leasachadh na Gàidhlig - Bidh CnaG a' tabhann sheirbheisean agus taic air feadh Alba. Tha sinn an sàs gu mòr ann an Òigridh & Campaichean, Iomairtean Gàidhlig, Foghlam 's Pàrantan agus gu leòr eile.
Tha an làrach-lìn againn làn fiosrachadh le naidheachdan an seo agus ar Blog Gàidhlig an seo.
Bidh sinn a' cur tachartasan air dòigh airson òigridh tron bhliadhna agus gu sònraichte ann an sgìrean nan Iomairtean Gàidhlig. Tha prògraman òigridh againn leithid Duais Iain Muir agus sreath de thachartasan mar Champa Sradagan agus tachartasan eile do dheugairean.
Tha ochd Iomairtean Gàidhlig air feadh na h-Alba; ann an eileanan agus sa bhaile mhòr. A bharrachd air CnaG fhèin, tha buidhnean eile a' cur ris an oidhirp gus àireamhan luchd-labhairt a thogail anns gach sgìre.
Taic-airgid - às leth Iomairt na Gàidhealtachd bidh sinn a' tabhann ghrantaichean beagan tro na sgeamaichean againn. Tha taic againn do sgìrean cunntachail cuideachd. Tha sinn a' cur fàilte air beachdan airson pròiseactan ann an coimhearsnachd Iomairt na Gàidhealtachd.
Ma tha sibh a' lorg dreuchd Ghàidhlig bidh sanasan-obrach a' nochdadh an seo.
Chaidh CnaG a stèidheachadh ann an 1984 is le oifisean air feadh na dùthcha, tha sinn air a bhith brosnachadh na Gàidhlig bhon uairsin. Fiosrachadh air Oifisean agus Bòrd ChnaG.
Duais Iain Muir
Tha Duais Iain Muir a' toirt cothrom do dh'òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus teisteanas aithnichte a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann air "talamh fiadhaich" agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte
Iomairtean Gàidhlig
As leth Bòrd na Gàidhlig, tha CnaG a' cur an gnìomh Iomairtean Gàidhlig air feadh na dùthcha. Tha dleastanas oirnn airson co-òrdanachadh eadar buidhnean agus cuideachd proiseactan a chur air adhart le prìomhachas air òigrigh agus foghlam Gàidhlig. Tha buidhnean eile an sàs ann an gach Iomairt agus bidh iadsan a' cur phroiseactan air adhart taobh a-staigh nam prìomhachasan agus neartan aca fhèin.
Comunn na Gàidhlig
Chaidh Comunn na Gàidhlig (CnaG) a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Ag obair aig ìrean ionadail, roinneil agus nàiseanta, tha bòrd-stiùiridh againn le riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach. Tha cuideachd stiùirichean air a’ Bhòrd a’ riochdachadh Coimhearsnachd, na h-Ealain agus Òigridh. Bidh riochdaire Iomairt na Gàidhealtachd a’ freithealamh coinneamhan Bùird mar neach-amharc.




Dachaigh