Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Blog - Comunn na Gàidhlig - Blog Leasachaidh na Gàidhlig - Gaelic Blog

Blog mu obair Chomunn na Gàidhlig agus obair na Gàidhlig san fharsaingeachd - Comunn na Gàidhlig blog about CnaG's work and other Gaelic related developments

  • Dachaigh
    Dachaigh Seo far am faigh thu na postan air fad air a' bhlog.
  • Roinn seòrsa
    Roinn seòrsa A' sealltainn liosta roinn seòrsa bhon bhlog
  • Tags
    Tags A' sealltainn liosta tagaichean bhon bhlog.
  • Luchd blogaidh
    Luchd blogaidh Faigh lorg air an neach-sgrìobhaidh as fheàrr leibh.
  • Blogaichean sgiobas
    Blogaichean sgiobas Faigh lorg air an blog-sgioba as fheàrr leibh.
  • Login
Posted by on
  • Meud teacsa: Nas motha Nas lùgha
  • 0 Comments
  • Print

Samhradh 2016

b2ap3_thumbnail_iasgach-E.JPG

Bha samhradh spòrsail eile aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas & Èirisgeigh agus òigridh bho air feadh Uibhist, Èirisgeigh agus feadhainn a bha a-staigh air làithean-saora a’ gabhail an cothrom pàirt a ghabhail ann an diofar chur-seachadan tro mheadhain na Gàidhlig.

Bha cothrom aig òigridh bho aois 3 suas a dhol gu na diofar thachartasan seo tron t-samhraidh; nam measg bha bùithtean-obrach dannsa-Gàidhealach le Gemma Steele, bùithtean-obrach rèidio & fiolmadh, seiseanan-cluich, turas a Bharraigh agus na làithean spòrsail ag iasgach aig muir còmhla ri Uist Sea Tours.

b2ap3_thumbnail_dannsa.JPG

 Bha na tachartasan air fad làn spòrs ged a bha aca ri obrachadh gu math cruaidh ann am feadhainn de na tachartasan is daoine gu math sgìth as dèidh an dannsa agus cuideachd na làithean fiolmadh agus iad a’ tighinn suas le fiolm goirid iad fhèin, le taic bho Paul Steele.

b2ap3_thumbnail_fiolmadhI.JPG

 Seo a’ chiad turas a tha an Iomairt air òigridh a thoirt a Bharraigh agus abair gun do chòrd an latha ris an 12 òigridh a chaidh ann. Bha Ishi NicIlleathain gar sealltainn mun cuairt agus fhuaireas cothrom tadhal air port-adhair Bharraigh far am facas am plèana a’ laighe air a tràigh bhon tùr sgoinneil aca agus cuideachd coimhead air na diofar ghoireasan aig a tha aig luchd-obrach na h-einnsean-smàlaidh aig a’ phort-adhair. Rinneadh cuairt cuideachd ann am Bagh a’ Chaisteal, cuairt an sgadain a dh’ innis mòran dhuinn mu eachdraidh iasgach an sgadain ann an Barraigh thairis air nam bliadhnaichean – bha deagh fhaid anns a chuairt agus bha sinn toilichte reòiteag blasta a cheannachbhon bhùth aig “The Deck” air a bha a’ chuairt ullamh!

b2ap3_thumbnail_Barraigh1.JPG

 Gach bliadhna tha an òigridh gu math measail air na turais againn gu muir airson iasgach mara còmhla ri Uist Sea tours agus bha sin fìor airson an 18 òigridh a ghabh an cothrom feuchainn a-mach am bliadhna. Bha iad uile air am cumail trang is an t-iasg gu math pailt air an dà thuras agus iad uile a’ tilleadh dhachaigh le an cuid dìnnear an oidhche sin. Cha robh cùisean cho buileach math dhuinn air fad air an dàrna turas is fheadhainn dhan òigridh a’ faireachdainn rud beag bochd, thàinig na faclan aig Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein a-staigh gu math feumail an fheasgar sin, “ ‘ S truagh nach do dh’ fhuirich mi tioram air tìr, ‘N fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi…”

 Tha an Iomairt airson taing a thoirt dhan na h-inbhich air fad a thug taic airson na diofar thachartasan seo a chur air adhart agus a thug taic sam bith seachad, agus dhan na pàrantan agus a’ chlann air fad a thàinig a-mach chun na tachartasan tron t-samhraidh.  Bha gach tachartas air leth spòrsail agus bha e math a bhith a’ cluinntinn an òigridh a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an còmhradh agus a’ seinn agus a’ toirt cothrom dhan luchd-ionnsachaidh faclan ùra ionnsachadh.

b2ap3_thumbnail_iochdair2.JPG

 

 

 

 

0

Oifigear Leasachaidh CnaG aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist agus Èireisgeidh

beachdan

  • No comments made yet. Be the first to submit a comment

Fàg ur beachd

Guest DiarDaoin, 23 An Gearran 2017

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Blog Màiri Anna Chaimbeul Samhradh 2016