Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Comann nam Pàrant Nàiseanta

Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985.

’S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a’ sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn ’s gu bheil a’ soirbheachadh leis. Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a tha ann an FTMG a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh.
Comann nam Pàrant aig Ìre Ionadail
Tha buidhnean CnP air am meas cudromach airson iomadach adhbhar;
Tha iad a’ toirt phàrantan aig am bheil clann ann am FTMG còmhla airson bruidhinn air cuspairean a tha toirt buaidh air foghlam an cuid-chloinne aig a h-uile ìre
’S urrainn do CnP taic a thoirt don sgoil, ag obair ann an co-bhonn ri Comhairlean Phàrant
’S urrainn do luchd-dreuchd a’ Chomataidh bruidhinn às leth nam pàrantan le ùghdarras. ’S fheàrr le Comhairlean, sgoiltean agus buidhnean eile a bhith a’ dèiligeadh ri riochdairean an àite iomadach duine fa leth
Le bonn-stèidh, faodaidh CnP, mar bhuidheann coimhearsnachd, airgead a thionail ann an dòigh nach urrainn an sgoil a dhèanamh
’S urrainn do phàrantan le cloinn ann am FTMG an siostam foghlaim a bhrosnachadh anns an sgìre aca fhèin
Tha na buidhnean ag amas ri taic a thoirt do thachartasan tron Ghàidhlig taobh-muigh na sgoile, leithid obair nan Sradagan
Comann nam Pàrant aig ìre Nàiseanta

Chaidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta) (CnP(N)) a stèidheachadh le Comunn na Gàidhlig ann an 1994, an dèidh iarrtais bho phàrantan airson a leithid. Tha a h-uile sgìre aig a bheil buidhnean ionadail CnP air an riochdachadh air a’ Chomataidh Nàiseanta, a’ ciallachadh gu bheil guth nam pàrant ri chluinntinn air ìre nàiseanta. Tha Oifigear Phàrant Nàiseanta, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, air a fastadh le Comunn na Gàidhlig airson taic a thoirt do phàrantan agus airson FTG a bhrosnachadh. Tha CnP(N) a-nis stèidhte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig agus a bharrachd air cumail taic ri buidhnean ionadail CnP ann a bhith brosnachadh FTG agus goireasan a thoirt seachad airson seo, tha sinn a’ stiùireadh ‘Sgeama Comhairleachaidh Phàrant’ a bhios a’ fastadh pàrantan le eòlas air FTG airson fios a sgaoileadh mu FTG am measg pàrantan le chlann fo aois sgoile. Tha Oifigear Phàrant CnP ag obair ann an co-bhonn le sgioba foghlaim Bòrd na Gàidhlig.

Tha a’ Chomataidh a’ coinneachadh, mar is trice, ceithir tursan sa bhliadhna. Tha Coinneamh Bhliadhnail ga cumail anns a’ Chèitean agus tha cuireadh ga thoirt do phàrant sam bith a frithealadh. Thèid fàilte a chur air riochdairean ùra.

Tha geàrr-chunntasan bho choinneamhan Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) an seo.
Buill Comataidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta)

Dawn Morgan [cathraiche] - Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bhàideanach agus Srath Spè
Daibhidh Sutherland, Kay Crawford - Cluaidh & Iar Dheas Alba
Kerry Butler, Bob McGowan - Taobh an Ear Alba
Fiona Byrne, Mairead Ford - Siorrachd Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abair
Donna Young - Earra-Ghàidheal is Bhòid
Iona McTaggart - Na h-Eileanan an Iar

Marsaili Dow - Ionmhsair
Ciamar a thèid mi an lùib Comann nam Pàrant?

Tha buidheann Comann nam Pàrant anns a’ mhòr-chuid de sgìrean far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean fosgailte do phàrant sam bith aig am bheil clann ann an FTMG aig ìre sam bith, agus faodaidh pàrantan coinneamhan choitcheann a fhrithealadh. Ma tha thu ag iarraidh grèim fhaighinn air riochdaire CnP anns an sgìre agad fhèin, cuir fios air an Oifigear Phàrant a bheir dhut ainm agus fiosrachadh.
Ma tha sibh airson buidheann CnP a stèidheachadh anns an sgìre agaibh, tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Coinnichidh an t-Oifigear Phàrant ri pàrantan san sgìre airson a dhol tro Bhonn-stèidh CnP, mìneachadh a thoirt mun obair aig CnP gu h-ionadail, agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh èirigh a fhreagairt. Tha e an uairsin an urra ribh fhèin am bheil sibh airson buidheann a stèidheachadh. Ma tha sibh airson seo a dhèanamh san sgìre agaibh, cuiribh fios air an Oifigear Phàrant.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Comann nam Pàrant Nàiseanta