Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Dachaigh

Duais Iain Muir

Attachments:
FileDescriptionFile size
Download this file (DIM 2014 Litir + foirm clàraidh.doc)Duais Iain Muir - Foirm-claraidh - REGISTRATION FORMDuais Iain Muir - Foirm-claraidh - REGISTRATION FORM1117 kB

Tearlach an cat-fiadhaichTha Duais Iain Muir a' toirt cothrom do dh'òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus teisteanas aithnichte a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann air "talamh fiadhaich" agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte

le gach buidheann a' tagh àite anns an sgìre aca fhèin agus ga rannsachadh thar mìosan. Tha seo a' tachart tro sheiseanan spòrs, àrainneachd, ainmean-àite, obair dùthcha agus cur-seachadan a-muigh. 

Tha am prògram ann an dà earrann:

Camara GlacaidhPrògram ionadail - Taghaidh gach buidheann an "talamh fiadhaich" aca fhèin. Dh'fhaodadh seo a bhith sa bhaile mhòr no pìos air falbh. Tha gach buidheann ionadail a' coinneachadh dà uair sa mhìos no gach seachdain aig an aon àite agus a' gabhail pàirt ann am bùth-obrach air cuspairean eadar-dhealaichte. Bidh seiseanan air fiadh-bheatha, ainmean-àite, obair dùthcha, craobhan, an àrainneachd agus cuideachd cuairt, a chuireas an òigridh fhèin air dòigh, do chloinn bhun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig. 

Bidh sinn a' cleachdadh chamaran glacaidh anns gach sgìre gus fiadh-bheatha a rannsachadh. Tha e glè inntinneach agus spòrsail na camaran a thoirt a-steach gach seachdain agus na dealbhan fhaicinn! Gu ruige seo, tha sinn air dòbhrain, fèidh, sionnaich, seilcheagan, taghain, eoin gu leòr, ialtagan, rodain, luchagan, iolairean, clamhain agus eile fhaicinn. 

A bharrachd air eòlas fhaighinn air diofar chuspairean, tha òigridh a' faighinn cothroman fèin-leasachaidh agus sgilean stiùiridh agus taisbeanaidh. Tha sgioba ChnaG gu math taiceil do gach buidheann. 

Tha dùil againn an duais a thabhann ann an 2013 do dheugairean ann an Glaschu, Ìle, Loch Abair, An t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis. 

Buidheann Iain Muir 2012An Tachartas Còmhnaidh - Aig deireadh nam prògram ionadail bidh gach buidheann a' coinneachadh aig ionad chur-seachadan no ostail airson a' champa nàiseanta. Bidh iad a' taisbeanadh na h-obrach ionadail aca do chàch agus a' gabhail pàirt ann an cur-seachadan agus seiseanan àrainneachd. Bidh latha dùbhlain mar phàirt den tachartas le buidhnean a' strì an aghaidh a' cheile. Spòrs gu leòr. 

Aig deireadh a' phrògraim, tha gach neach a' faighinn Duais Iain Muir - teisteanas a tha aithnichte do sgoiltean, oilthighean, buidhnean fastaidh agus eile. 

Tha CnaG a' cur beagan prìomhachas air cat-fiadhaich na h-Alba. Tha iad tearc agus feumach air taic, beagan coltach ris a' Ghàidhlig fhèin.   from Comunn na Gàidhlig on Vimeo.

Tha sinn glè thoilichte a ràdh gu bheil sinn a' faighinn taic bho Dhualchas Nàdair na h-Alba le Duais Iain Muir 2013. 

embed video plugin powered by Union Development

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Dachaigh Òigridh Duais Iain Muir