Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Foghlam Àrd-sgoil

àrd-sgoilBidh cuid de dh'Àrd-sgoiltean a' tabhann chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha seo a’ toirt cothrom do sgoilearan a bhith nas fhileanta, agus tuigse fhaighinn air a’ Ghàidhlig mar chànan beò anns am bi foghlam àrd-sgoil air a libhrigeadh. Tha Gàidhlig cuideachd ri faighinn do luchd-ionnsachaidh.  

Thar nam bliadhnaichean, tha CnaG air a bhith an sàs sa roinn seo, a' cur taic ri tidsearan, ag iomairt airson barrachd thidsearan agus tro na h-Iomairtean Gàidhlig, a' cur taic pragtaigeach ri sgoiltean agus tidsearan. 

Tha e comasach don mhòr-chuid de sgoilearan meadhan Gàidhlig cuspair Gàidhlig do dh’fhileantaich a dhèanamh anns an àrd-sgoil. Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a-nis a’ tabhann dheuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig ann an raon de chuspairean mar matamataig, cruinn-eòlas agus eachdraidh agus tha iomadh sgoil a’ tabhann teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns na cuspairean seo.

Bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh’fhosgail anns an Lùnastal 2006 a’ teagasg a h-uile cuspair tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil agus bidh buannachd ann do sgoiltean eile bho na leasachaidhean ùra sa churraicealam agus na goireasan a bhios rim faighinn.

Taobh a-muigh nan sgoiltean, tha CnaG a' tabhann chur-seachadan leithid Duais Iain MuirRi Chèile agus Deasbad Nàiseanta BT Alba a bharrachd air tachartasan òigridh gus cothrom a thoirt do sgoilear Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Foghlam Àrd-sgoil