Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Foghlam 's Pàrantan

Attachments:
FileDescriptionFile size
Download this file (CnP Newsletter Am Foghar 2013.pdf)CnamP Cuairt-litir - Am Foghar 2013CnamP Cuairt-litir - Am Foghar 20132842 kB

'S e aon de na prìomh amasan aig CnaG a bhith brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn ga dhèanamh ann an com-pàirteachas le Comann nam Pàrant Nàiseanta agus na buidhnean Comann nam Pàrant aig ìre ionadail.  A bharrachd, tha ùghdarrasan ionadail agus Bòrd na Gàidhlig gu mòr an sàs sa roinn seo agus a' fastadh luchd-obrach airson na h-obrach a chur an gnìomh.  

Tha foghlam Gàidhlig fosgailte do dhuine sam bith - le Gàidhlig no gun Ghàidhlig. Bidh pàrantan uaireanan a' gabhail dragh nach eil Gàidhlig aca fhèin ach chan eil seo na dhuilgheadas oir a tha taic ann bho na sgoiltean no comhairlean le clubaichean obair-dachaigh agus clasaichean Gàidhlig. Tha cuideachd tachartasan ann far am faigh pàrantan air bruidhinn ri chèile air na rudan a tha cudromach dhaibh a thaobh foghlam Gàidhlig. 

Tro Iomairtean Gàidhlig tha CnaG a' cumail taic ri foghlam agus pàrantan.  Tha gach sgìre eadar-dhealaichte agus tha gach dòigh anns a bheil sinn a' cumail taic an urra ri feumalachdan na sgìre. Le buidhnean eile, gu sònraichte am Bòrd agus na Comhairlean, tha sinn ag amas air pàrantan a bhrosnachadh a dh'ionnsaigh seirbheisean trath-bhliadhnaichean agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha sinn cuideachd an sàs ann an clasaichean Gàidhlig ann an com-pàirteachas le comhairlean agus buidhnean eile gus taic a chumail ri pàrantan le Gàidhlig san dachaigh. 

Trath-bhliadhnaichean: 0-3 - Buidnean Pàrant 's Pàiste, Croilleagan, rionnagan beaga msaa.  Tha na buidhnean seo a' toirt cothrom Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil agus taiceil. Bheir iad bunait cànain don phàiste, deiseal airson an ath ìre.  

Sgoiltean-àraich: 3-5: Bidh na ùghdarrasan ionadail a' libhrigeadh na seirbheis seo, gu tric co-cheangailte ris a' bhun-sgoil far a bheil foghlam ri fhaighinn tron Ghàidhlig. 

Foghlam Bun-sgoil: Foghlam tron Ghàidhlig bho P1 gu P7. Seo aon de na prìomh dhòighean gum bi cloinn dà-chànanach leis a h-uile buannachd a tha na luib.  

Foghlam Àrd-sgoil: Ged nach eil gach àrd-sgoil, no faisg, a' tabhann a h-uile cuspair ann an Gàidhlig, tha cothroman ann Gàidhlig a dhèanamh airson luchd-ionnsachaidh agus do fhileantaich.  Bidh cuid de dh'àrd-sgoiltean a' tabhann diofar chuspairean tron Ghàidhlig.  

Taic do phàrantan: Le buidhnean Chomann nam Pàrant, clubaichean obair-dachaigh agus cothrom Gàidhlig ionnsachadh tro Ùlpan agus clasaichean eile, thathas a' toirt taic do phàrantan aig nach eil Gàidhlig. 

Cothroman taobh a-muigh na sgoile leithid SradaganDuais Iain Muir, agus eile.  Tuilleadh air an duilleag Òigridh & Campaichean.  

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Foghlam 's Pàrantan