Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Fiosrachadh foghlaim

Dè cho èifeachdach ’s a tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh às leth Riaghaltas na h-Alba ann an 1999, chaidh na co-dhùnaidhean a leanas a dhèanamh:
cha robh clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ge bith an robh a’ Ghàidhlig na cànain dachaigh no nach robh, air an cumail air ais an coimeas ri clann a bha a’ faighinn oideachadh tro mheadhan na Beurla. Anns a’ mhòr-chuid de shuidhichidhean bha iad a’ dèanamh na b’ fheàrr na clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Beurla agus, còmhla ri sin, fileanta ann an dà chànan.

An t-Àrd Oll. Ridseard MacIain
The Attainments of Pupils Receiving Gaelic-medium Primary Education in Scotland
CILT Alba, Oilthigh Shruighlea, 1999

Bhon uairsin sheall rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2010 às leth Bòrd na Gàidhlig;

“Bidh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nach eil a’ faighinn Beurla san t-seòmar sgoile gu Prìomh 3 co-dhiù, a’ breith air agus a’ dol seachad air sgoilearan meadhain-Bheurla ann an comasan sa Bheurla. Ro ÀS2, ged nach robh ach dàrna leth nan sgoilearan meadhain-Bheurla air Ìre E, an ìre iomchaidh, a ruighinn ann an leughadh agus sgrìobhadh na Beurla, bha trì cairteal nan sgoilearan meadhain-Ghàidhlig aig an ìre seo.”

Agus

“...nach eil buaidh aig ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig (mar as trice an dàrna cànan aca) air buileachadh sgoilearan meadhain-Ghàidhlig ann am pàirtean eile den churraicealam.”

Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba:
Roghainn agus Buileachadh sa Bhun-sgoil agus Tràth san Àrd-sgoil (ceangal taobh a-muigh, cruth PDF)

Tha na buannachdan foghlaim an lùib dà-chànanas aithnichte. Tha luchd-foghlaim a’ gabhail ris gu bheil clann a tha dà-chànanach nas sùbailte ann a bhith a’ cothachadh ris a h-uile nì a thaobh obair eanchainn. Tha e cuideachd nas fhasa do chloinn dà-chànanach an tuilleadh chànanan ionnsachadh.
www.bilingualism-matters.org.uk

’S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a’ sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn ’s gu bheil a’ soirbheachadh leis. Am bliadhna, tha còrr is 3500 duine-cloinne a’ faighinn FTMG, 802 aig ìre fo-aois-sgoile, 2316 sa bhun-sgoil agus 410 san àrd-sgoil. Chithear air a chlàr (làrach ChnaG) mar a tha FTMG air a dhol am meud bho thòisich e ann an 1985.

A chionn ’s gu bheil foghlam an cuid-chloinne cho cudromach do phàrantan, tha sinn a’ tuigsinn gum bi iomadh ceist aca mun t-siostam foghlaim seo. Airson na ceistean is trice a nochdas a fhreagairt agus fiosrachadh coileanta a thoirt do phàrantan mu FTMG, tha Comunn na Gàidhlig air leabhran fiosrachaidh agus Bhidio fhoillseachadh. Airson leth-bhreacan de Fios is Freagairt, a tha saor ’s an asgaidh, brùth an seo airson PDF no faic an seo air làrach Chomunn na Gàidhlig.
Tha barrachd fiosrachaidh agus comhairle do phàrantan anns an darna leabhran san t-sreath Fios is Freagairt, ‘Gaelic at Home: a Guide for Parents’, air ciamar a chumas iad taic don cuid chloinne, an seo mar PDF no faic an seo air làrach Chomunn na Gàidhlig.

Tha Foghlam Coimhearsnachd ann an cuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail a’ tabhairt taice do phàrantan tro chlasaichean Gàidhlig is eile. Airson tuilleadh fiosrachaidh, bruidhinn ri ur Comhairle Ionadail.

Bha 58,652 a’ bruidhinn Gàidhlig a-rèir an cunntas-sluaigh ann an 2001 agus bha mu 34,000 a bharrachd comasach air Gàidhlig a leughadh, sgrìobhadh no a thuigsinn

  • Bha 2316 clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil ann an 2010/11 agus bha 60 ionadan ann a bha a’ dèanamh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

  • Bha 802 clann a’ falbh gu sgoiltean-àraich ann an 2010/11 agus bha 58 sgoiltean-àraich ann an Alba

  • Bha 410 sgoilearan a’ dèanamh foghlam tro meadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil ann an 2010/11 le leudachad

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Foghlam tron Ghàidhlig