Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Iomairt Ghàidhlig Iar-thuath Leòdhais

Logo Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais

Chaidh an Iomairt a stèidheachadh anns a’ chèitean 2009 is e a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eadar Nis agus Càrlabhagh ann an Iar Thuath Leòdhais.

Tha dà amas aig an Iomairt ‘s iad –

  • Àrdachadh luchd-labhairt na Gàidhlig
  • A’ cruthachadh cothroman airson a’ chànan a chleachdadh

Gus seo a dhèanamh bidh sinn ag obair an com-pairteachas leis a’ choimhearsnachd agus buidhnean Gàidhlig eile gus pròiseactan èifeachdadh a chur air dòigh.  Tha buidheann stùiridh aig an Iomairt a tha a’ riochdachadh na coimhearsnachd le bhith a stèidheachadh nam prìomhachasan agus a’ cuideachadh le measadh adhartais agus shoirbheachas na h-iomairt.

Tha trì prìomhachasan aig an Iomairt ‘s iad:

  • Òigridh
  • Luchd-Ionnsachaidh
  • Coimhearsnachd

Tha buidhnean Pàrant is Pàiste, 3 Cròileagain, 4 bun sgoiltean is iad uille le Ionadan Gàidhlig agus dhà dhiubh le clas 1-2 àrd-sgoil.  Bidh an Iomairt ag obair an co-bhonn leotha gus cothroman a bharrachd a leudachadh airson Gàidhlig a chleachdadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile.  Seo le tachartasan sònraichte, bùthtean obrach agus clubaichean as deidh na sgoile, air an deireadh sheachdain agus tro saor làithean.  Tha an Iomairt cuideachd ag obrachadh an co-bhonn le buidhnean ionadail de Dhuais Dhùic Dhùn Eidinn gus a Ghàidhlig a bhrosnachadh anns an Duais seo.

A thaobh luchd-ionnsachaidh, bidh an Iomairt a’ cur air dòigh iomadh diofar cothrom ionnsachaidh anns an sgire.  Seo le clasaichean oidhche, clasaichean Ulpan, bùthtean obrach agus cothroman còmhraidh.  Thathas ag obair le iomairt mhòr airson pàrantan a bhrosnachadh gus a’ chlann aca a chur tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le bhith a’ brosnachadh dà-chànanas

Tha coimhearsnachd aig cridhe an Iomairt seo.  Tha sinn a’ feuchainn ris a Ghàidhlig a chumail beò mar cànan coimhearsnachd, le buidhnean làidir anns a’ choimhearsnachd mar tha, tha sin nag obair còmhla gus thachartasan a chur air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha a’ brosnachadh cultar na Gàidhlig.  Le bhith a thaisbeanadh a Ghaidhlig sa’ choimhearsnachd mar tha, tha sinn an dòchas gum brosnaich seo daoine eile an cànan ionnsachadh agus a chleachdadh nas trice.

As deidh rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Bòrd na Gàidhlig, chaidh Fòram Gàidhlig Siabost a stèidheachadh leis an Iomairt gus plana chruthachadh don bhaile.  Tha seo gus àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a neartachadh anns an àm ri teachd – gheibh sibh leth-bhreac den phlana aig www.siabost.co.uk

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Iomairtean Gàidhlig Iomairt Ghàidhlig Iar-thuth Leòdhais