Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Iomairt Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha Iomairt Inbhir Nis a’ coinneachadh gach 3 mìosan le riochdairean bhon a h-uile buidheann Gàidhlig sa bhaile.  Tha sinn a’ co-òrdanachadh pròiseactan is gnìomhan eadar na buidhnean agus a’ clàradh adhartas mu choinneamh prìomhachasan na sgìre.

Tha an Iomairt a' cur prìomhachas air brosnachadh foghlam Gàidhlig, an Sgeama Comhairlichidh Pàrant agus tachartasan òigridh., Aig an àm seo tha oidhirp a’ dol gus seirbheisean 0-3 a’ leasachadh agus tha iarrtas mòr air clasaichean Ulpan is còmhraidh dha pàrantan / inbhich. Seo agaibh cuid de na prìomh ghnìomhan a tha an Iomairt a' toirt air adhart.

Sgeama Comhairlichidh nam Pàrant Tha am proiseact seo a' cumail taic ri pàrantan gus am bi iad nan tosgairean airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a' tachairt le bhith an làthair aig tachartasan is làithean fosgailte sa sgìre. Thathas an dùil tuilleadh phàrantan fhastadh air an sgeama seo airson sgìre Inbhir Nis.

Gàidhlig san dachaigh Bidh an Iomairt a' feuchainn ri taic a chumail ri pàrantan aig a bheil cloinn ann am foghlam Gàidhlig. Tha seo a' tachairt tro chlubaichean sgoile agus clasaichean Ùlpan far am faigh pàrantan ìsleachadh phrìs.

Trath Bhliadhnaichean Tha 2 buidheann sa sgìre an dràsd agus tha oidhirp a’ dol mu choinneamh buidhnean ùr a thòiseachadh. Gheibh buidhnean taic le bhith faighinn trèanadh is comhairle.

Foghlam Gàidhlig - Bun-sgoil Tha aon bun-sgoil sa sgìre far a bheil foghlam Gàidhlig – Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.  Bidh an Iomairt a' cumail taic ri tidsearan agus sgoilearan le clubaichean obair dachaigh agus eile.

Òigridh Le Fèisean agus prògraman òigridh leithid Duais Iain Muir tha tòrr chothroman do dh'òigridh air feagh na sgìre.

Ionnsachadh Inbhich Bidh clasaichean Gàidhlig a’ ruith fad na bliadhna. Bidh an Iomairt a' co-òrdanachadh cothroman ùra leithid cearcallan còmhraidh.

Prìomh ghnìomhan nan com-pàirtichean

Comunn na Gàidhlig - Co-òrdanachadh, brosnachadh foghlam Gàidhlig, obair le òigridh, trath-bhliadhnichean

Clì Gàidhlig – Cùrsaichean, clasaichean is goireasan do luchd-ionnsachaidh (inbhich)

An Comunn Gàidhealach – faicsinneachd na Gàidhlig, cultar, taic do sgoilearan

Comhairle na Gàidhealtachd - Sgoiltean, trath-bhliadhnaichean, clasaichean Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheal - Obair le òigridh, fèisean, tachartasan ealain

Bòrd na Gàidhlig - Trath bhliadhnaichean.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Iomairtean Gàidhlig Iomairt Ghàidhlig Inbhir Nis