Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Oifigear Iomairt Ghàidhlig Loch a Tuath Leòdhais

‘S e prìomh amas na h-Iomairt a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt misneachd dha daoine ann an sgìre Loch a’ Tuath  Leòdhais gus bruidhinn na Gàidhlig agus gus àireamh luchd-labhairt na cànain a leudachadh.  Tha an Iomairt a’ cur taic ris na sgoiltean san sgìre, gu h-àraidh na trì prìomh sgoiltean – Sgoil a’ Bhac, Sgoil an Rubha agus Sgoil MhicNeacail gus cothroman a thoirt don òigridh air diofar chùisean a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha aon oifigear làn ùine san sgìre agus bidh esan ag obair còmhla ri buidhnean leithid LHYCA (Lewis & Harris Youth Club Association), Fèisean nan Gàidheal agus Sgioba na Gàidhlig gus na cothroman sin a thoirt don chloinn.  Bidh Comhairle nan Eilean Siar a’ cumail taic ri tràth-bhliadhnaichean.

Ceum CòmhlaTha an Iomairt a’ cur prìomhachas air obair òigridh, ged a tha cuideachd cothroman còmhradh agus clasaichean Gàidhlig a’ ruith gus taic a thoirt do choimhearsnachdan agus pàrantan leis a’ chànain.  Tha clasaichean Ùlpan cuideachd a’ ruith gu soirbheachail agus tha na h-àireamhan airson na clasaichean sin a leudachadh gach bliadhna.  Tha grunn phròiseactan agus clubaichean a’ ruith don òigridh leithid clasaichean bèicearachd, cothroman ionnsramaidean agus òrain Gàidhlig ùr ionnsachadh, fèisean tron an t-Samhraidh, cothroman sgilean na meadhanan ionnsachadh agus prògraman rèidio Gàidhlig a chruthachadh.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Iomairtean Gàidhlig Iomairt Ghàidhlig Loch a Tuath