Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Iomairt Ghàidhlig Loch Abair

'S e priomh amas na h-Iomairt a bhith toirt fàs air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Loch Abair. Bidh sinn a' cur proiseactan an gnìomh gus seo a dhèanamh. Tha an Iomairt na com-pàirteachas eadar a' choimhearsnachd agus cuid de bhuidhnean Gàidhlig agus tha buidheann stiùiridh ann le bun-stèidhe agus comataidh. Tha trì oifigearan stèidhichte sa sgìre, ged nach eil iad làn ùine an urra ris an sgìre uile, agus iad ag obair taobh a-staigh nam prìomhachas aca fhèin airson sgìre Loch Abair. Bidh Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' libhrigeadh agus a' cumail taic ri trath-bhliadhnaichean.

Tha an Iomairt a' cur prìomhachas air trath bhliadhnaichean, foghlam Gàidhlig agus cothroman do dh'òigridh. Tha clasaichean Gàidhlig agus cothroman còmhraidh cuideachd gu math làidir sa sgìre le àrdachadh mòr a' tighinn air an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig tro Ùlpan. Seo agaibh cuid de na prìomh ghnìomhan a tha an Iomairt a' toirt air adhart.

Sgeama Comhairlichidh nam Pàrant Tha am proiseact seo a' cumail taic ri pàrantan gus am bi iad nan tosgairean airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a' tachairt le bhith tadhail air buidhnean trath bhliadhnaichean gus pàrantan eile a bhrosnachadh a dh'ionnsaigh foghlam Gàidhlig agus cuideachd le bhith an làthair aig tachartasan sa sgìre.

Gàidhlig san dachaighBidh an Iomairt a' feuchainn ri taic a chumail ri pàrantan aig a bheil cloinn ann am foghlam Gàidhlig. Tha seo a' tachairt tro chlubaichean sgoile agus clasaichean Ùlpan far am faigh pàrantan ìsleachadh phrìs.

Trath BhliadhnaicheanTha buidhnean 0-3 agus 3-5 air feagh Loch Abair. Tha an Iomairt gu mòr a' toirt taic dha na buidhnean air feagh na sgìre agus a' brosnachadh phàrantan gan ionnsaigh.

Foghlam Gàidhlig - Bun-sgoilTha trì bun-sgoiltean sa sgìre far a bheil foghlam Gàidhlig - Sgoil Chaitligeach a' Ghearasdan, Ath Tharrcaill agus Malaig. Bidh an Iomairt a' cumail taic ri tidsearan agus na sgoiltean le clubaichean obair dachaigh agus eile.

Foghlam Gàidhlig - Àrd-sgoil Tha Gàidhlig ri fhaighinn do fhileantaich agus luchd-ionnsachadh ann an Àrd-sgoil Loch Abair, Mhalaig agus Àird nam Murchan. Tha an Iomairt a' toirt taic do thidsearan gus am faigh iad còmhla airson taic a chumail ri chèile.

ÒigridhLe Fèisean agus prògraman òigridh leithid Duais Iain Muir tha tòrr chothroman do dh'òigridh air feagh na sgìre.

Ionnsachadh InbhichBidh an Iomairt a' co-òrdanachadh chlasaichean agus a' teagasg Gàidhlig tron shiostam Ùlpan. Bidh an Iomairt cuideachd a’ chur cothroman air dòigh gus Gàidhlig a bruidhinn taobh a-muigh clasaichean Ùlpan.

Prìomh ghnìomhan nan com-pàirtichean

Comunn na Gàidhlig - Co-òrdanachadh, brosnachadh foghlam Gàidhlig, obair le òigridh, trath-bhliadhnichean

Comhairle na Gàidhealtachd - Sgoiltean, trath-bhliadhnaichean, clasaichean Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheal - Obair le òigridh, fèisean, tachartasan ealain

Bòrd na Gàidhlig - Trath bhliadhnaichean

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Iomairtean Gàidhlig Iomairt Ghàidhlig Loch Abair