Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Uibhisteach a’ gabhail an stiùir mar Chathraiche Chomuinn na Gàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air cathraiche ùr a chuir an dreuchd. ‘S esan Iain MacAmhlaigh, à Uibhist a Tuath, ach a’ tha an diugh a’ fuireach air a Bhac.  Leig Iain dheth a dhreuchd mar Stiùiriche Seirbheisean Soisealta is Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar nas tràithe air a’ bhliadhna agus bidh e a’ gabhail a-null o Choinneach “Mòr” MhicÌomhair, a bh’ air a bhith na chathraiche air CnaG o 2012.

Chaidh Iain a thogail an Uibhist a Tuath, agus chaidh oideachadh an sgoiltean Dhùn Sgealair agus Paible an Uibhist a Tuath agus an uairsin an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mun cheumnaich e an Obair Sòisealta an  Institiud Raibeart Ghòrdain, Obar Dheathain an 1981.  Tha Iain, a tha fileanta sa Ghàidhlig, pòsta aig Anna agus tha dithis a theaghlach aca, Marion, a tha a’ teagasg an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Anndra, a th’ air ùr dhreuchd, mar stiùiriche-sgioba obair sòisealta a ghabhail os làimh aig Comhairle nan Eilean Siar.    

Ann a bhith a’ seasamh sìos mar Chathraiche aig CnaG, thuirt Coinneach “Mòr” Macìomhair, “Tha mi air a bhi air Bòrd-stiùiridh ChnaG airson 9 bliadhna, 4 dhiubh sin mar Chathraiche.  Chòrd an ùine rium gu mòr.  Se obair inntinneach agus chudromach sa bheil CnaG an sàs, iad a’ libhrigeadh sheirbheisean do òigridh an coimhearsnachdan air feadh Alba agus, thar nam bliadhnachan, tha pàrantan agus clann ag innse dhuinn an luach a tha iad a’ cur air an obair sa agus a’ feum a tha e air a dheanamh dhaibh ann a bhith a’ togail agus a’ cleachdadh na Gaidhlig, ach gu sònraichte a’ toirt misneachd dhaibh an cànan a chleachdadh am measg an co-aoisean.

Aig àm far am bheil airgead poblach a’ crìonadh, tha sin ag adhbharrachadh mi-chinnt bho bhliadhna gu bliadhna, ach, tha mi a' fàgail ChnaG ann an deagh shuidheachdh, le Bòrd stiùiridh agus sgioba luchd obrach làidir.  Tha sin dham fhàgail misneachail airson na làithean a tha romhainn agus tha mi a'guidhe gach soirbheachadh do ChnaG agus don chathraiche ùr, Iain Macamhlaigh.''

Thuirt Iain MacAmhlaigh, “Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith an sàs le CnaG agus an luchd-compàirteachais eile ann a bhith a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig agus a’ cur ris an obair a tha a’ dol air adhart an ceartuair gus ath bheòthachadh a thoirt air a’ chànan agus àrdachadh a thoirt air an àireamh sluaigh a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig agus cuideachd an ìre a thathas ga cleachdadh bho latha gu latha. 

Tha mi ag aithneachadh gum bidh dubhlain romhainn bho àm gu àm, ach, tha obair mhath a’ dol air adhart sna coimhearsnachdan an ceartuair agus tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig a bhithtear a’ foillseachadh sna mìosan air thoiseach oirnn a’ toirt deagh chothrom tuilleadh fhoillseachadh agus leasachadh a dhèanamh air a’ Ghàidhlig nar coimhearsnachdan.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Naidheachdan Uibhisteach a’ gabhail an stiùir mar Chathraiche Chomuinn na Gàidhlig