Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Sgeama Comhairleachaidh nam Pàrant

Iomairt nàiseanta airson foghlam tro mheadhan na Gàidhliga bhrosnachadh a bhitheas a’ steidheachadh lionradh de luchd comhairleachaidh phàrant a bhitheas a’ togail aire air cothroman foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba agus a’ cur ris an àireamh chloinne ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Luchd-chomhairleachaidh - Tha sinn a’ smaoineachadh gun tig a’ chomhairle nas fheàrr bho phàrantan aig a bheil eòlas pearsanta air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig phàrantan chloinne a tha an-dràsta ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tha air a dhol tro Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh an sgeama air a shanasachd an toiseach tro lionradh Chomann nam Pàrant anns gach sgìre gus luchd-comhairleachaidh a lorg.

Bheir sinn trèanadh freagarrach, fiosrachadh agus goireasan do luchd-comhairleachaidh mu Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. 

 A’ cur an gnìomh

  • Buidhnean ro-sgoile
  • Tabhartasan fiosrachaidh
  • Làithean fosgailte aig sgoiltean
  • Bùird aig tachartasan
  • Òraidean
  • Tadhal dhachaighean
  • A’ freagairt cheistean bho pàrantan air leth

As dèidh trèanadh, faodaidh an tosgaire an uairsin a' tadhal air buidhnean tràth-bhliadhnaichean sa sgìre gus fiosrachadh a thoirt seachad air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh iad cuideachd an làthair aig tachartasan coimhearsnachd agus àitean far a am bi pàrantan le chlann òga a’ tadhal gu tric mar mòr-bhùthan no ionadan-bùtha, a’ sgaoileadh pasgain fiosrachaidh agus a’ toirt comhairle seachad air cothroman a thaobh a’ Ghàidhlig anns an sgìre aca. Bidh tosgairean a' brosnachadh pàrantan a dh'ionnsaigh buidhnean tràth-bhliadhnaichean, sgoiltean-àraich agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. 

Cuideachd tha sinn a' moladh, far a bheil e comasach, Gàidhlig a bhruidhinn aig an taigh gus an cluinn cloinn an cànan taobh a-muigh na sgoile. Bidh seo air leth cudromach le bhith stèidheachadh dà-chànanas agus comas labhairt sa Ghàidhlig. 

Gheibh gach tosgaire pàigheadh airson na h-obrach bho Comann nam Pàrant a bhios a' clàradh an àireamh de phasgain fiosrachaidh a thèid sgaoileadh agus an àireamh de còmhraidhean le pàrantan.

Tha sgeama air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus tha Comann nam Pàrant a’ faighinn taic bho sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig le stiùireadh an sgeama.

Gheibh gach tosgaire pàigheadh airson na h-obrach 's a tha iad a' dèanamh sa sgìre. Bidh Comann nam Pàrant a' clàradh an àireamh de phasgain fiosrachaidh a thèid sgaoileadh.
Bidh CnaG ag obair le Comann nam Pàrant Nàiseanta gus an sgeama seo a chur air adhart anns na sgìrean Iomairtean Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Sgeama Comhairleachaidh nam Pàrant