Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Sradagan

Tràigh Niosaboist

Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan.

Ma tha thu a' lorg ghoireasan agus taic, gheibhear foirmean, planaichean agus stiùireadh air an làimh dheas. 

Tha Sradagan a' toirt cothroim do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le daoine eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn aig nach eil sgeul air Gàidhlig ach san sgoil.

Ma tha Gàidhlig ri mairsinn na cànain 'bheò' feumar a cleachdadh taobh a-muigh ar sgoiltean agus nar coimhearsnachdan. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anabarrach cudromach dhan Ghàidhlig san am tha romhainn agus tha buidhnean nan Sradagan na innleachd taice tha deatamach do dh'fhoghlam.

ParaisiutTha Sradagan mar dhrochaid eadar sgoiltean is a' choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum. Feumaidh an cleachdadh a bhith cur na Gàidhlig gu feum taobh a-muigh a' chlas a bhith stèidhichte mus fàg clann an sgoil.

Ma tha ùidh aig pàrantan anns a’ choimhearsnachd agaibh ann an leithid de bhuidheann a stèidheachadh, leigibh fios thugainn aig Comunn na Gàidhlig. Thèid coinneamh an uairsin a chur air dòigh airson fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dhuibh ann a bhith a’ stèidheachadh na buidhne.

Bidh a’ bhuidheann a’ cruinneachadh ann an togalach a tha freagarrach airson na coimhearsnachd. Coinnichidh a’ bhuidheann co-dhiù uair san t-seachdain airson còrr is uair a thìde.
Tha Sradagan a' brosnachadh cloinne gus Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri an leithid fhèin ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.
’S e as cudromaiche buileach gu bheil Sradagan a' ceadachadh do chloinn Gàidhlig a mheas an dàimh ri fealla-dhà.
Tha compàirteachadh an Sradagan a' toirt comais do chloinn ceangal a dhèanamh le cloinn a coimhearsnachdan eile a bhruidhneas a' Ghàidhlig.
Faodar cuideachd buidhnean luchd-ionnsachaidh a chur air chois do chloinn aig nach eil Gàidhlig.
Tha clann a' gabhail pàirt ann am prògram suidhichte ro làimh de chur-seachadan, nam measg geamaichean, ceòl, dràma, obair-ciùird agus na h-ealain.
SradaganTha na Sradagan a' toirt cloinne air cuairtean chur-seachad is foghlaim nan coimhearsnachdan fhèin agus an àiteachan eile.
Tha rianachd nam buidheann air a làimhseachadh le comataidhean ionadail ris am bheil e an urra ceannardan a shuidheachadh agus taic a thoirt dha na clubaichean.
Tha Comunn na Gàidhlig a' cuideachadh nam buidheann le iùl mu chùisean rianachd, trèanadh do cheannardan, taic do chomataidhean, stòras is àrachas.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Sradagan