Às leth Bòrd na Gàidhlig, tha CnaG a' cur an gnìomh Iomairtean Gàidhlig air feadh na dùthcha.  Tha dleastanas oirnn airson co-òrdanachadh eadar buidhnean agus cuideachd pròiseactan a chur air adhart le prìomhachas air òigridh agus foghlam Gàidhlig. Tha buidhnean eile an sàs ann an gach Iomairt agus bidh iadsan a' cur phròiseactan air adhart taobh a-staigh nam prìomhachasan agus neartan aca fhèin.  

Mapa IomairteanTha Iomairtean Gàidhlig nan com-pàirteachasan eadar buidhnean Gàidhlig agus coimhearsnachdan. 'S e prìomh amas gach Iomairt fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt agus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh. 

Taobh a-staigh gach Iomairt tha diofar bhuidhnean Gàidhlig agus buidheann stiùiridh às a' choimhearsnachd. Thèid planaichean-obrach a chruthachadh agus a chur an gnìomh le na buidhnean Gàidhlig le stiùir bhon bhuidheann stiùiridh. Gu h-àbhaisteach tha na gnìomhan a' tighinn fo na cinn a leanas le eisimpleirean air pròiseactan:

  • TAIC DO PHÀRANTAN - Clasaichean, pàrant 's pàiste
  • ADHARTACHADH AIR GÀIDHLIG - An làithar aig tachartasan agus sanasachd
  • IONNSACHADH INBHICH - Clasaichean, Ùlpan, cothroman còmhraidh
  • FOGHLAM 0-3 BLIADHNA - Cròileagain, pàrant 's pàiste
  • FOGHLAM 3-5 BLIADHNA - Sgoiltean-àraich
  • FOGHLAM AOIS 5-18 - Brosnachadh phàrantan a dh'ionnsaigh foghlam Gàidhlig, Sgeama Comhairleachaidh nam Pàrant, Taic do thidsearan
  • ÒIGRIDH - Tachartasan, Duais Iain Muir, Sradagan, Duais Dhiùc Dhùn Èideann 
  • LEASACHADH COIMHEARSNACHD - Cothroman agus goireasach ùra do choimhearsnachdan

Tha bun-stèidhe aig cuid de na buidhnean stiùiridh, a' ciallachadh gu bheil e comasach taic-airgid iarraidh airson pròiseactan coimhearsnachd. 

Seo na h-Iomairtean: