Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Blog - Comunn na Gàidhlig - Blog Leasachaidh na Gàidhlig - Gaelic Blog

Blog mu obair Chomunn na Gàidhlig agus obair na Gàidhlig san fharsaingeachd - Comunn na Gàidhlig blog about CnaG's work and other Gaelic related developments

  • Dachaigh
    Dachaigh Seo far am faigh thu na postan air fad air a' bhlog.
  • Roinn seòrsa
    Roinn seòrsa A' sealltainn liosta roinn seòrsa bhon bhlog
  • Tags
    Tags A' sealltainn liosta tagaichean bhon bhlog.
  • Luchd blogaidh
    Luchd blogaidh Faigh lorg air an neach-sgrìobhaidh as fheàrr leibh.
  • Blogaichean sgiobas
    Blogaichean sgiobas Faigh lorg air an blog-sgioba as fheàrr leibh.
  • Login
Postan bho chionn ghoirid

Na Teuchter Tunes

Posted by on

Na Teuchter Tunes

Chaidh prògram rèidio a chaidh a chlàradh le buidheann sgoilearan ann an Sgoil Lionacleit a-mach air “An Radio” an stèisean rèidio coimhearsnachd ann an Uibhist, anns an Dàmhair.

b2ap3_thumbnail_image1_20161114-153223_1.JPG

Dh’ obraich an òigridh còmhla ri Màiri Anna Chaimbeul, oifigear ChnaG,  airson prògram ciùil a chuir ri chèile. Thagh an òigridh na h-òrain agus na ceòl iad fhèin agus rinn iad rannsachadh airson beagan innse mu dheidhinn gach pìos cuideachd.  Bha deagh mheasgachadh aca, nam measg bha ceòl bho Trail West & Skipinnish, puirt bho Fred Morrison agus òrain bho Tom Sloss agus Calum Kennedy.

b2ap3_thumbnail_an-radio-post.jpg

Bha aca ri diofar sgilean a chleachdadh airson seo, mar eadar-theangachadh, airson am fiosrachadh a’ lorg iad a chuir anns a Ghàidhlig agus dh’ ionnsaich iad sgilean ùr le bhith a’ cleachdadh am prògram coimpiutair Audacity. Bha spòrs gu leòr na luib agus bha iad toilichte le na thàinig às. Bha am pròiseact seo math dhan mhisneachd aca a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, le feadhainn anns a bhuidheann nach robh airson bruidhinn aig toiseach a phròiseact ach a rinn pìos goirid air a’ phrògram, nuair a chaidh a chlàradh. Bha e cuideachd math dhaibh a thaobh leasachadh na sgilean rannsachaidh agus na sgilean teicnigeach aca.  Thathar an dòchas pròiseact mar seo a dhèanamh a-rithist a dh’aithghearr. Taing dha Julie aig “An Radio” airson a taic agus am prògram a chluich air an stèisean.

b2ap3_thumbnail_image2_20161114-153632_1.JPG

 

 

 

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

TURAS DHAN T-SABHAL MHÒR

Posted by on

b2ap3_thumbnail_image4.JPG

Air an 20mh latha den t-Sultain chaidh buidheann nighean bhon treas bliadhna a-null dhan  t- Eilean Sgitheanaich airson faighinn a-mach dè bha ri dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. Air ruighean a-null bha iad den bheachd gur e àite gleansach agus ùr a bh' ann. 

b2ap3_thumbnail_image5.JPG

Dh'èirich iad tràth madainn Diciadain, agus an dèidh bracaist, chaidh iad gu ruige “set” an t-siabainn Gàidhlig Bannan.  Chòrd sin gu mòr leotha ach a-mhàin am fuachd - bha e eagallach fuar!   Chuir iad beagan ùine seachad a' coinneachadh le Tony Kearney (Torquil), Debbie NicAoidh, Cailean Collier, Laura NicIllinnean agus an còrr den sgioba agus chunnaic iad cuideachd filmeadh a' dol air adhart - chunnaic iad pàirt dhan phrògram a thèid a chraoladh an ath bhliadhna.

b2ap3_thumbnail_image6.JPG

An uairsin chunnaic iad aodach nan cleasaichean air fad agus chunnaic iad oifisean luchd-obrach Bannan agus Sabhal Mòr Ostaig.  Rinn iad beagan dràma còmhla ri Coinneach, a chòrd riutha gu mòr, agus chuir iad crìoch air an turas le bhith a' coinneachadh le Mòrag Stiùbhart a thug fiosrachadh dhaibh mu chùrsa na Meadhanan a tha i a' teagasg anns a' cholaiste.

b2ap3_thumbnail_image3.JPG

b2ap3_thumbnail_image1.JPG

Thill na h-'ighnean dhachaigh oidhche Chiadain an-dèidh turas sgoinneil.  Bha an turas air a chuir air dòigh le Màiri Anna Chaimbeul, Iomairt Ghàidhlig Uibhist a-Deas Roinn na Gàidhlig ann an Sgoil Lionacleit.

b2ap3_thumbnail_image2.JPG

 

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Clubaichean Dèidh-sgoile Ghàidhlig

Posted by on

b2ap3_thumbnail_cnag.png 

 Bidh Clubaichean Dèidh-sgoile Ghàidhlig a’ tòiseachadh a-rithist an t-seachdain sa am Bun Sgoil Steòrnabhaigh, Bun Sgoil Lacasdail, Sgoil a’ Bhac agus Sgoil an Rubha, Leòdhas. Aig na Clubaichean bidh a’ chlann a’ faighinn taic le ‘n obair-dachaigh agus an sàs ann an roinn farsaing de chur-seachadan samhail ealain, ceòl agus diofar spòrsan.  Tha na Clubaichean, a tha a’ cosg £4.00 gach seisean air an cur air dòigh le Comunn na Gàidhlig agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig 01851 701802 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.">Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

 

Gaelic After-school Clubs will be starting again this week in Stornoway Primary, Laxdale Primary, Sgoil a’ Bhac and Sgoil an Rubha, Lewis.  At the Clubs, children are given assistance with homework and participate in a wide range of activities such as arts & crafts, music and sports.  The Clubs, which cost £4.00 per session, are organised by Comunn na Gàidhlig and further information can be obtained on 01851 701802 or Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.">Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Samhradh 2016

Posted by on

b2ap3_thumbnail_iasgach-E.JPG

Bha samhradh spòrsail eile aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas & Èirisgeigh agus òigridh bho air feadh Uibhist, Èirisgeigh agus feadhainn a bha a-staigh air làithean-saora a’ gabhail an cothrom pàirt a ghabhail ann an diofar chur-seachadan tro mheadhain na Gàidhlig.

Bha cothrom aig òigridh bho aois 3 suas a dhol gu na diofar thachartasan seo tron t-samhraidh; nam measg bha bùithtean-obrach dannsa-Gàidhealach le Gemma Steele, bùithtean-obrach rèidio & fiolmadh, seiseanan-cluich, turas a Bharraigh agus na làithean spòrsail ag iasgach aig muir còmhla ri Uist Sea Tours.

b2ap3_thumbnail_dannsa.JPG

 Bha na tachartasan air fad làn spòrs ged a bha aca ri obrachadh gu math cruaidh ann am feadhainn de na tachartasan is daoine gu math sgìth as dèidh an dannsa agus cuideachd na làithean fiolmadh agus iad a’ tighinn suas le fiolm goirid iad fhèin, le taic bho Paul Steele.

b2ap3_thumbnail_fiolmadhI.JPG

 Seo a’ chiad turas a tha an Iomairt air òigridh a thoirt a Bharraigh agus abair gun do chòrd an latha ris an 12 òigridh a chaidh ann. Bha Ishi NicIlleathain gar sealltainn mun cuairt agus fhuaireas cothrom tadhal air port-adhair Bharraigh far am facas am plèana a’ laighe air a tràigh bhon tùr sgoinneil aca agus cuideachd coimhead air na diofar ghoireasan aig a tha aig luchd-obrach na h-einnsean-smàlaidh aig a’ phort-adhair. Rinneadh cuairt cuideachd ann am Bagh a’ Chaisteal, cuairt an sgadain a dh’ innis mòran dhuinn mu eachdraidh iasgach an sgadain ann an Barraigh thairis air nam bliadhnaichean – bha deagh fhaid anns a chuairt agus bha sinn toilichte reòiteag blasta a cheannachbhon bhùth aig “The Deck” air a bha a’ chuairt ullamh!

b2ap3_thumbnail_Barraigh1.JPG

 Gach bliadhna tha an òigridh gu math measail air na turais againn gu muir airson iasgach mara còmhla ri Uist Sea tours agus bha sin fìor airson an 18 òigridh a ghabh an cothrom feuchainn a-mach am bliadhna. Bha iad uile air am cumail trang is an t-iasg gu math pailt air an dà thuras agus iad uile a’ tilleadh dhachaigh le an cuid dìnnear an oidhche sin. Cha robh cùisean cho buileach math dhuinn air fad air an dàrna turas is fheadhainn dhan òigridh a’ faireachdainn rud beag bochd, thàinig na faclan aig Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein a-staigh gu math feumail an fheasgar sin, “ ‘ S truagh nach do dh’ fhuirich mi tioram air tìr, ‘N fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi…”

 Tha an Iomairt airson taing a thoirt dhan na h-inbhich air fad a thug taic airson na diofar thachartasan seo a chur air adhart agus a thug taic sam bith seachad, agus dhan na pàrantan agus a’ chlann air fad a thàinig a-mach chun na tachartasan tron t-samhraidh.  Bha gach tachartas air leth spòrsail agus bha e math a bhith a’ cluinntinn an òigridh a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an còmhradh agus a’ seinn agus a’ toirt cothrom dhan luchd-ionnsachaidh faclan ùra ionnsachadh.

b2ap3_thumbnail_iochdair2.JPG

 

 

 

 

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Nigheanan Lionacleit ann an Glaschu

Posted by on

b2ap3_thumbnail_bbc-1.jpg

Ged nach robh sinn, “Nighnean Lionacleit” an Glaschu ach airson dà oidhche rinn sinn an gnothach air gu leòr rudan spòrsail a dhèanamh anns an ùine sin!

Madainn Dihaoine choinnich sinn le Uibhisteach eile ann an Glaschu, Iain Eòsaph MacIosaig a tha ag obair aig a BhBC ann an Glaschu. Thug Iain Eòsaph sinn mun cuairt air an togalach mhìorbhaileach seo agus dh’ionnsaich sinn mòran mu dheidhinn na bhios a’ tachairt an seo. Chunnaic sinn an sgioba aig Roinn na Gàidhlig is iad trang ag obair, fhuair sinn a-steach gu Edit agus cuideachd dhan stiùidio far am bi Reporting Scotland, an sìde air An Là agus Sportscene air a chlàradh. S e an highlight do mhòran den bhuidheann an cothrom fhaighinn suidhe ann an cathair presaentair Reporting Scotland airson dealbh agus cuideachd coinnicheachadh ri Sarah Cruickshank agus Judith Ralston.

b2ap3_thumbnail_sarah.jpg

 Chuir sinn seachad ùine an uairsin aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sàs sa bhuidheann “Cèic is Cabadaich”, buidheann sgoilearan a bhios a’ coinneachadh airson beagan craic gach seachdain bho stiùir Alison Ni Dhorchaidhe, Oifigear Òigridh ChnaG ann an Glaschu. Choinnich sinn ri sgoilearan laghach bhon sgoil agus thadhail mòran Uibhistich a bhios a’ teagasg a-staigh oirnn. Cha dhìochuimhnich sinn na cèicean blasta a bha ann airson ithe cuideachd. An seo bha sinn a’ dèanamh iomradh air na rudan a bhios a’ còrdadh rinne mu dheidhinn Uibhist, agus carson is e an àite is fhearr air lalamh – nar beachd sa co-dhiù!- rudan mar na tràighean breagha agus na daoine laghach.

b2ap3_thumbnail_SGG-1.jpg

 Oidhche ‘haoine chaidh sinn gu geama ball-coise Sgioba nam Ban aig Alba, bha sinn fortanach tiocaidean fhaighinn bho Jo Murphy a tha ag obair airson an SFA. Ged nach deach an geama cho math dhaibh bha oidhche air leth againn. Seo achiad geama ball-coise aig gu leòr againn agus chòrd e rinn, gu h-àraid air sàilleabh gun do choinnich sinn le cluicheadairean mar Jo Love agus Gemma Fay as dèidh a gheama. Bha bratach mòr againn le Uibhist sgrìobhte air agus bha sin air BBC Alba uair no dhà.

b2ap3_thumbnail_Jo-Love.jpg

 Bha ùine againn madainn Disathairne seisean trèanaidh fhaighinn còmhla ri Laura Williamson a bhios ag obair aig Greenock Morton. Bha seisean sgoinneil againn còmhla ri Laura agus dh’ ionnsaich I tòrr dhuinn. Dh’ ionnsaich sinn fhèin beagan Gàidhlig do Laura a bhiodh feumail dhi agus ‘s I a rinn math tweet a chuir thugainn a-rithist le beagan Gàidhlig na mheasg.

b2ap3_thumbnail_coaching.jpg

 Chrìochnaich ar turas is sinn a’ siubhail dhachaigh air aiseag Mhalaig far an robh beagan de chèilidh a ‘dol còmhla ri muinntir Cheòlas. Rinn sinn beagan dannsa agus seinn mus do ràinig sinn Loch Baghasdail.

 Tha sinn ùile a’ faireachdain gun rinn an turas feum dhuinn ann a bhith a’ leasachadh ar sgilean Gàidhlig agus tha sinn cuideachd cus nas misneachail a bhith ga bruidhinn nar measg fhein.  Tha sinn a’ faireachdan, mar dhaoine òga, gu bheil tachartasan mar seo air leth feumail agus buannachail nàr n-oidhirpean ìre fileantachd a ruighinn.   

 Bha turas sgoinneil againn agus tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thug taic dhuinn ann an dòigh sam bith, gu h-àraid Mrs Beaton agus an sgoil, Màiri Ann Chaimbeul bho ChnaG agus Ruth a bha a’ draibheadh am bus dhuinn.

 

 

 

 

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Seiseanan eadar-ghinealach

Posted by on

 

 

 

 

Dh’ionnsaich òigridh ann an Uibhist mòran mu dheidhinn seann chleachdaidhean co-cheangailte ris an sgìre aca fhèin thairis air a’ Gheamhradh seo.

Fhuair iad an cothrom èisteachd agus còmhradh ri daoine nas sìne bhon choimhearsnachd aca fhèin agus abair gun robh seiseanan èibhinn, fiosrachail agus gu math beothail ann.

b2ap3_thumbnail_iochdair.jpg

Chuala iad gu h-àraid mu dheidhinn na diofar chleachdaidhean a bha ann an Uibhist co-cheangailte ri Oidhche Shamhna, mar a bhiodh iad a’ dèanamh na h-aodannan aca mus tàinig aodannan-choimheach agus an fealla-dha a bhiodh aca a’ cluich chleasan air daoine.

Fhuair feadhainn dhan òigridh cothrom blas de fhuarag a rinn Ann Marie fheuchainn, rud a bha cumanta air Oidhche Shamhna.  Bhithear a’ cur diofar rudan dhan fhuarag, rudan a bh’ airson  comharrachadh tachartasan san àm ri teachd, m.e. fainne a’ samhlachadh pòsadh.

b2ap3_thumbnail_Dalabrog.jpg

Bha an fuarag math blasta, ged a bha e follaiseach bhon aodainn nach do chòrd e ris a h-uile duine aca!  Bha an òigridh math air ceistean fhaighneachd, an cuid sgeulachd fhèin innse agus a bhith ag èisteachd ris na h-aoighean a bha an làthair.

b2ap3_thumbnail_paible.jpg

Cuspair eile a dh’ionnsaich iad mu dheidhinn,  ‘s e Oidhche Challainn agus gu h-àraid, an duan, Duan na Callaig a bha a’ buntainn ris an sgìre aca fhèin. Dh’ èist iad ri clàraidhean de dhaoine ag aithris an duan agus an uairsin fhuair iad fhèin cothrom an Duan ionnsachadh. Bha iad ag aithris an Duan gu misneachail ann an ùine gu math goirid.

b2ap3_thumbnail_Duan.JPG

Chan eil ann ach beagan bhailtean ann an Uibhist & Èirisgeigh far a bheil an cleachdadh seo beò fhathast agus chòrd e ris an òigridh an cothrom fhaighinn seo ionnsachadh agus dh’fhaodadh gun tig ath-bheothachadh air an cleachdadh seo ann an diofar bhailtean a-nis.

Tha sinn airson taing a thoirt do mhuinntir na sgìre a thug an ùine seachad airson bruidhinn ris an òigridh agus an cuid eòlais agus fiosrachaidh innse dhaibh.

Chaidh na tachartasan seo a chuir air dòigh le Liam Crouse (Ceòlas) agus Màiri Anna Chaimbeul (CnaG).

 

 

 

 

 

b2ap3_thumbnail_iochdair.jpg

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Dùbhlain dìomhaireachd

Posted by on

b2ap3_thumbnail_challenge.jpgb2ap3_thumbnail_gillean.jpg

b2ap3_thumbnail_filmg.jpgb2ap3_thumbnail_bord-grogarry.jpgb2ap3_thumbnail_dinnear.jpg

Ghabh feadhainn dhan òigridh bhon buidheann Òigridh Uibhist pàirt ann an tachartas air leth spòrsail, agus annasach, ann an Loidse Ghrogarraidh, Uibhist a Deas, anns an Dùbhlachd.

Ged a bha latha gaothail fuar ann a-muigh, bha loidse Ghrogarraidh blàth togarrach agus na ionad uabhasach freagarrach airson na bha air thoiseach air an òigridh.

Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran dùbhlain agus geamaichean  a thug an cothrom dhaibh obrachadh còmhla tro mheadhain na Gàidhlig. Bha aca ri obrachadh a-mach cò a chuir urchair ri Ben Mòr, fiadh ionadail anns an geama Murder mystery “ Sleigh Bells ring” far an tug Bodach na Nollaig a bhean agus a charaidean air turas a dh’ Uibhist. Bha tuairmsean air an toirt seachad mu na thachair agus bha gach neach anns a bhuidheann a’ cluich caractaran bhon sgriobt agus bha loidhnichean aig an òigridh air fad ri leughadh airson beachd a thoirt dhaibh air cò a’ rinn an rud uabhasach a bha seo. Thog an geama seo misneachd an òigridh ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ leughadh na Gàidhlig còmhla ri an co-aoisean agus na h-inbhich a bha an sàs. Bha fealla-dhà gu leòr an luib seo agus cha robh am freagairt furasta ri obrachadh a-mach.

Bha dùbhlain eile ann tron oidhche far an robh aca ri teachdairean falaichte a lorg air feadh na loidse agus a’ togail dhealbhan dhiubh,  cuideachd farpaisean-cheist is gu leòr geamaichean eile. Dh’ fhàg an òigridh air fad le duaisean  a bha iad air a bhuannachadh. Chrìochnaich an oidhche le film air an sgrìon mhòr , as dèidh dhaibh sùil a thoirt air sean film FilmG no dhà.

Bha oidhche air leth aig an òigridh air fad (agus aig na h-inbhich!) a’ fuireach ann an Grogarraidh agus bha iad air am milleadh le dinnear blasta agus bracaist an ath mhadainn bho Bella agus an luchd-obrach ann an Grogarraidh. ‘ S e àite sgoinneil a bha ann airson fuireach oidhche le buidheann òigridh agus chòrd an oidhche gu mòr riutha.

Chaidh an tachartas seo a chuir air dòigh le Catriona Mhoireasdan, Màiri Anna Chaimbeul agus Paul Steele.   

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Turas Ghlaschu 2015

Posted by on

Abair gun do chòrd Turas Ghlaschu ris a h-uile duine am bliadhna. Thàinig 17 sgoilearan bho dhiofar àitean còmhla eadar Dihaoine 27mh gu Diluain 30mh Samhainn, air Turas Chomunn na Gàidhlig.

Fhuair iad an cothrom tadhal air tòrr àitean ann an Glaschu leithid an Ionad Saidheans, Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus na margaidhean Nollaig aig Cearnag Sheòrais.

Bha na bùithean air leth trang ach chòrd iad ri daoine is fhuair iad cothrom tiodhlaicean Nollaig a cheannach.

b2ap3_thumbnail_12068681_915612645143334_460237801540384949_o_20151221-155134_1.jpg

Le tagaichean ann an: Glaschu Òigridh
0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Iomairt Mhaoineachaidh

Posted by on

‘S e Diluain a th’ ann. Chan eil ach trì sheachdainean air fhàgail airson airgead a thogail airson meanbh-bhus tron iomairt mhaoineachaidh againn. http://www.crowdfunder.co.uk/meanbh-bhus-minibus Tha spàirn oirnn a-nis...

'S e rud gu math simplidh a tha dhìth oirnn aig CnaG, ach bhiodh bhuaidh mhòr mhath aige seo air an obair a bhios sinn a' dèanamh le òigridh air feadh na dùthcha. Bidh mi ag obair le sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus fhuair an sgoil meanbh-bhus ùr am bliadhna – abair eadar-dhealachadh a tha e a’ dèanamh, bidh cùisean fada nas fhasa is nas saoire nuair a bhios sgoilearan a’ dol a-mach air turasan is eile.

Tha mi a’ creidsinn gu bheil na h-uile duine a tha a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig am beachd gum bu chòir dhuinn suidheachadh seasmhach a chruthachadh airson na Gàidhlig. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil feum againn goireasan is ionadan a stèidheachadh airson na Gàidhlig a-mhàin...

Chan e ach a' chiad cheum a th’ anns a’ mheanbh-bhus a tha seo air an rathad thun ionad Gàidhlig cur-seachdan a-muigh a stèidheachadh. Tha CnaG air companaidh ùr a stèidheachadh, Spòrs Gàidhlig, a tha ag amas air an lèirsinn den ionad Gàidhlig a thoirt gu buil. Tha a bharrachd fiosrachaidh an seo: http://www.cnag.org/en/cnag-2/58-naidheachdan/naidheachdan-2015/867-plans-announced-for-enhanced-outdoor-activity-provision-in-gaelic    

Bhiodh seo a’ toirt cothrom dhuinn “dhachaigh” a chruthachadh do dh’òigridh le Gàidhlig (no fiù aig a bheil ùidh sa chànan) an cànan a ùisneachadh ann an dòigh spòrsail fhad ‘s a bhiodh iad a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan air a bhlàr a-muigh.

Tha mi fhèin is daoine eile den bheachd gu bheil a' Ghàidhlig is an àrainneachd/talamh co-cheangailte ann an dòigh cho làidir ‘s nach gabh an sgaradh -- 's e ainmean Gàidhlig a th' air a' mhòr-chuid de na h-àiteachan far am bith sinn a' dol le òigridh, is air na beanntan ainmeil tarraingeach, is bidh sinn aig CnaG a' neartachadh a' cho-theagsa sin don òigridh nuair a bhios sinn a’ dèanamh Duais Iain Muir, no a’ dol air an Turas Sgithidh no na Campaichean Sradagan.

Tha a' Ghàidhlig is an àrainneachd ann an staing mar aon, is bu chòir dhuinn ar dìcheall a dhèanamh airson an glèidheadh. Tha sinn aig CnaG airson spionnadh a thoirt do dh'òigridh, a bhith BEÒ air a bhlàr a-muigh, is tlachd fhaodainn as an dùthaich bhrèagha a th' againn an seo. A bhith MOITEIL, MISNEACHAIL. SA GHÀIDHLIG.

Airson an obair seo a dhèanamh, tha feum againn air meanbh-bhus, a bhiodh a' siubhail air feadh Alba.

A bheil sibh am beachd gum bu chòir ionad Gàidhlig a bhith ann do dh'òigridh, le cur seachadan air fad tro mheadhan na Gàidhlig? Nach cuir sibh taic rinn is fiù beagan a thoirt dhuinn ma-tà, agus bhiodh sibh gar cuideachadh gu mòr le rudeigin stèidhichte, seasmhach a thogail.

Chan e ach toiseach tòiseachaidh a th’ anns a’ mheanbh-bhus!

Le tagaichean ann an: Iomairtean Gàidhlig Òigridh
0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Tha oifigearan ChnaG, Alison Ní Dhorchaidhe ann an Glaschu is Ann Paterson ann an Dùn Èideann, air prògram òigridh ùr a chur air dòigh airson òigridh Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig a thoirt còmhla. Chaidh a’ chiad thachartas, farpais-cheist, a chumail ann an Glaschu an t-seachdain seo. Thàinig muinntir Dhùn Èideann gu Taobh an Iar Ghlaschu airson pàirt a ghabhail anns an fharpais-cheist ann am McPhabbs, a tha dlùth ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bha tòrr spòrs ann, le 4 sgiobaidhean a’ strì an aghaidh a chèile airson freagairtean ceart a chur ris na ceistean, agus bha buffet snog blasta ann airson na h-uile duine cuideachd! Bha luchd-obrach McPhabbs air leth cuideachail is chur iad fàilte mhòr air an òigridh is air a’ Ghàidhlig a chluinntinn ann. Aig a’ cheann thall, ‘s e sgioba de nigheanan à Dùn Èideann a bhuannaich, le sgioba de mhuinntir Ghlaschu a’ tighinn anns an dàrna àite, agus fhuair iad duaisean airson na deagh-obrach sgioba a rinn iad!

Thèid am prògram ùr seo a ruith eadar seo agus Am Màrt 2016, le cothrom a thoirt don òigridh tadhail air a’ bhaile mhòr eile. Thèid an dàrna thachartas a chumail ann an Dùn Èideann air 30mh An Dàmhair, le cuairt air “Turas Bus nan Taibhsean”, is culaidh-choimheach airson Oidhche Shamhna. Bidh duais ann airson na culaidhe-choimhiche as fheàrr!  

b2ap3_thumbnail_20150923_163756.jpg

b2ap3_thumbnail_20150923_163746.jpg

b2ap3_thumbnail_20150923_163733.jpg

0
Leugh tuilleadh 0 Comments

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha thu an-seo: Home Blog