Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan 2013
Cuach na Cloinne 2013 a’ dol gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – a-rithist!



B’ iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghlèidh Cuach na Cloinne 2013, am farpais ball-coise airson bun-sgoiltean Ghàidhlig, a’ dèanamh a chuis air Bun-sgoil a’ Bhac sa chuairt dheireannach. B’ e seo an dàrna bliadhna an dèidh a chèile a thog Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an duais. Ghabh 37 sgiobannan bho 20 sgoil bho air feadh Alba pàirt ann am farpais na bliadhna sa, a bh’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus MG ALBA.
San dealbh tha Pròbhaist Cathair Baile Inbhir Nis, an Comhairliche Ailig Greumach a’ buileachadh a chupa air Sgioba Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Cuideachd san dealbh, tha Calum Iain MacLeòid, bho Chomunn na Gaidhlig a tha a’ cur an fharpais air dòigh.