Tha thu an-seo: Dachaigh
Naidheachdan
Naidheachdan nas sine
Naidheachdan 2012
Taic ri fhaotainn airson pròiseactan leasachaidh Gàidhlig




Tha taic-airgid ga thairgse an dràsta do bhuidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan a tha airson barrachd feum a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig.
Tha na sgeamaichean sùbailte, a’ ceadachadh taic a thoirt do raon farsaing de phròiseactan, bho soidhnichean is margaidheachd do ghnìomhachasan gu diofar seòrsa de phròiseactan coimhearsnachd.
Thuirt Coinneamh MacIomhair, Cathraiche ChnaG: "Tha cùmhnant leasachaidh Gàidhlig againne le Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (HIE), agus 's ann tron chùmhnant seo a tha an taic ri fhaighinn. Tha e ga thoirt seachad fo trì sgeamaichean: soidhnichean is margaidheachd dà-chànanach; ath-bheothachadh coimhearsnachd; agus sgeama son bathar neo rudan 'ùr gnàthachaidh' a thoirt dhan mhargaidh.
"Tha sinn air a bhith an sàs le na sgeamaichean seo airson grunnan bhliadhnachan a-nis, agus tha fios is dearbhadh againn gum bheil iad feumail, gach cuid dhan Ghàidhlig, agus dha na buidhnean a tha air an taic fhaighinn.
"Aig an ìre sa tha £60,000 againn ri roinn a-mach agus bhitheamaid dha rìreabh toilichte cluinntinn bho bhuidhnean neo dhaoine aig am bitheadh pròiseactan freagarrach."
Tha na sgeamaichean seo a’ tighinn gu crìch san t-samhradh 2013, ach tha CnaG a’ sireadh thagraidhean cho luath sa ghabhas. Tha na h-ìrean taic diofraichte tarsainn na sgeamaichean le suas gu 60% ri fhaighinn airson pròiseactan soidhnichean is margaidheachd dà-chànanach is ath–bheothachadh coimhearsnachd agus suas gu 90% airson pròiseactan ùr-gnàthachaidh le diofar shuimean is àirde a thèid a phàigheadh a-mach mu choinneamh gach sgeama. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn ùr ChnaG, www.cnag.org neo fòn a chuir chun na h-oifisean aca an Inbhir Nis neo Steòrnabhagh.
Thuirt Raonaid NicCharmaig,, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan: “Tha HIE ag aithneachadh, agus airson a thomhas le rannsachadh ùr, an comas a th’ aig a’ Ghàidhlig a bhith air leth prìseil is luachmhor a thaobh leasachaidhean eaconomaigeach agus sòisealta air a’ Ghàidhealtachd’s na h-eileanan.
“Tha na sgeamaichean a tha seo, a tha CnaG a’ tabhann nan deagh chothrom am barrachd a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan cugallach na sgìre. Le bhith ag amas air prìomh raointean fàs mar turasachd agus na gnìomhachasan cruthachail leigidh an obair leinn tomhas buaidh nam pròiseactan ann a bhith a’ neartachadh ar coimhearsnachdan.”
Thuirt Alasdair Allan BPA, Ministeir airson Ionnsachadh is Sgilean agus Gàidhlig: “Tha mi a’ cur fàilte air a’ ghluasad sa, a leigeas do bhuidhnean an tuilleadh feum a dhèanamh dhan Ghàidhlig agus a chuireas ri oidhirpean a’ Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd.”
Am measg pròiseactan a fhuair taic o chionn ghoirid, bha taic do choimhearsnachd Uibhist a Deas teachd a-steach a dhèanamh à sgilean Gàidhlig ionadail agus taic do chomunn eachdraidh an Leòdhas soilleireachadh is leasachadh planaichean airson ionad ùr a stèidheachadh: