Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a' cur tri tachartasan òigridh deireadh-sheachdain air dòigh far am bi spòrs gu leòr sa bhaile mhòr, air an t-sneachd agus ri taobh na mara. Bidh na tachartasan seo fosgailte do sgoilearan S1-S4 agus a' gabhail àite ann an Glaschu, Ràta Mhurchais agus san Eilean Sgitheanach.

Bidh a' chiad tachartas ann an Glaschu bho 30 Samhain gu 02 Dùbhlachd agus stèidhichte air cur-seachadan sa bhaile mhòr le cothroman gu leòr a dhol gu na bùthan.

Leis a' gheamhradh a' tighinn, tha CnaG an dòchas ri gu leòr sneachd airson sgitheadh agus bidh an darna tachartas stèidhichte air spòrs geamhraidh le sgitheadh na phàirt mhòr dheth. Thig a' bhuidheann cruinn còmhla 15-17 Màirt aig Bad a' Ghiuthais – àite fuirich air leth math leth sligheach eadar an Aghaidh Mhòr agus An Càrn Gorm.

A' cur fàilte air aimsir nas blàithe, tachraidh an treas tachartasan aig Ionad nan Torran san Eilean Sgitheanach bho 19-22 Giblean agus thathar an dùil ri cur-seachadan a-muigh le coiseachd agus dòcha cothrom a dhol gu Loch Coir' Uisge.

Bheir na tachartasan seo òigridh bho air feadh na h-Alba còmhla ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, spòrsail agus le luchd-obrach ChnaG. Gun teagamh, thèid gach sgoilear dhachaigh le caraidean ùra.

Le cosgais ìosal, £70 airson Glaschu agus nan Torran, £80 airson Bad a' Ghiuthais, tha cothrom an seo do dh'òigridh aig a bheil Gàidhlig bhon dùthaich air fad. Tha sgioba ChnaG eòlach air tachartasan mar seo agus bidh an làthair le geamannan gu leòr.

Thuirt Dòmhnall Morris gur e tachartasan spòrsail, beòthail a bhios seo le cothrom math Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. "Tha sinn a' moladh gun clàr daoine tràth airson nan tachartasan seo. 'S e spòrs le caraidean ùra am prìomh amas againn".

Airson fiosrachadh fhaighinn no clàradh airson nan tachartasan seo, cuir fòn gu CnaG air 01463-234138. Bidh CnaG cuideachd a' cur an fhiosrachaidh as ùire air an làrach-lìn agus air Facebook.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach