Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Ainm sgrìobhte Sandra Mhoireach

‘An t-àm agam air a’ bhrat dhearg’ Sàr bhùthan-obrach do fheadhainn òg aig a bheil ùidh ann an fasan le sàr-eòlaiche Sandra Mhoireach MBE.

Bidh Sandra Murray MBE, couturier stèidhichte ann an Inbhir Nis agus fileanta sa Ghàidhlig, a’ libhrigeadh dà bhùth-obrach airson feadhainn aig a bheil ùidh ann an dealbhadh fasain, tro mheadhan na Gàidhlig san t-Samhain.

Bidh na bùthan-obrach, a tha faighinn taic bho Chomunn na Gàidhlig, an asgaidh agus ag amas air deugairean 14 air adhart agus oileanaich Gàidhlig le ùidh ann an fasan agus obair-fighte.

’S ann air Diardaoin 01 Samhain agus Diciadain 07 Samhain a tha na bùthan-obrach.

Chruthaich Sandra an stòras aodaich airson Julie Fowlis, sàr sheinneadair ann am ‘Brave’ a chuir i oirre nuair a nochd i air a’ bhrat dhearg nuair a chaidh am fiolm a chur air bhog gu saoghalach ann an LA, Dùn Èideann agus Inbhir Nis; chunnaic na milleanan na stoidhlean seo. Ghabh Julie Fowlis, dreaste agus stoilichte le Sandra, pàirt ann an seisean deilbh, le neach-deilbh rìoghail John Swannell, aig caisteal prìobhaideach air cladadh Loch Nis. A-nis, ionnsachaidh feadhainn òg ciamar a thàinig seo gu bith, aig na bùthan-obrach seo, a bhios tro mheadhan na Gàidhlig aig stiùidio Shandra, agus a bheireas sealladh bhon taobh a-staigh air an t-saoghal fasain agus na dùbhlain a tha ro luchd-deilbh.

“Dh’obraich an com-pàirteachas glè mhath airson an dithis againn – aonan dhiubh nan tosgaire airson sgilean an neach eile;” mar a thuirt Sandra Mhoireach. “Tha mi a’ coimhead air adhart a bhith bruidhinn air mar a dh’obraich mi le Julie gus an ìomhaigh as fheàrr airson a’ bhrat dhearg, agus mar a bha am pròiseact dhomhsa mar neach-deilbh.”

Bidh Julie Fowlis an làthair gus ceistean a fhreagair air a’ cho-obrachadh seo.

Chaidh na bùthan-obrach a mhaoineachadh le Comunn na Gàidhlig fon chùmhnant aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean far a bheil fòcas làidir air na cothroman coimeirsealta an lùib na Gàidhlig.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig: “Tha sinn gu mòr airson pròiseactan eadar-nàiseanta mar seo a bhrosnachadh. Tha fòcas làidir againn air òigridh – a’ toirt dhaibh suidheachaidhean brosnachail ann an Gàidhlig, agus air an adhbhar sin, tha e na thoileachas dhuinn taic a thoirt dha na sàr bhùthan-obrach. Chan eil teagamh gu bheil Sandra agus Julie nan stiùirichean làidir airson an òigridh, mar fheadhainn a tha soirbheachail aig ìre ghnìomhachais agus aithnichte agus a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an gnìomhachasan cruthachail agus nuadh - iad fhèin tarraingeach do dh’òigridh.

Tha eòlas mòr aig Julie agus Sandra ri thoirt seachad agus cò chanadh nach bi na bùthan-obrach seo a’ toirt spionnadh dhan ath ghinealach?”

CUIR FIOS – Chan eil ach 15 àitean air na sàr bhùthan-obrach

Fios: Sandra Murray T: 01463 220091 no emailTha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach