Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha an Iomairt a-nis a’ sireadh iarrtasan airson taic-airgid bho bhuidhnean an lùib pròiseactan Gàidhlig anns a’ sgìre. Faodar iarrtasan a chuir a-staigh airson suas ri £300 airson pròiseactan a tha a’ toirt togail dhan chànan. Tha an Sgeama Tabhartasan Beaga air a mhaoineachadh le airgead-duais a ghlèidh Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas is Èirisgeigh anns an fharpais, ‘Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2011’. Tha an Sgeama fosgailte gu bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean carthannais is iomairtean sòisealta a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig, an Uibhist a Deas is Èirisgeigh.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 15mh Samhain 2011. Thèid measadh a dhèanamh air na h-iarrtasan le pannal de bhuill bhon Iomairt agus bho Chomunn na Gàidhlig.

Gheibhear foirm iarratas an seo ann an cruth Word no bho Mhàiri Anna Chaimbeul air Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. no 01878 710 270.

Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas is Èirisgeigh, Ormacleit, Uibhist a Deas, HS8 5SB

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach