Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Anns an taghadh a ghabh àite ann an Steòrnabhagh air Diciadain 9 Samhain 2011, chaidh ainm Sgoil MhicNeacail a thaghadh a-mach as a’ chuach airson strì an aghaidh Àrd-sgoil Gheàrrloch. Anns an dàrna deasbad chaidh Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn à Inbhir Nis, a ràinig a’ chuairt dheireannach an-uiridh, a’ thaghadh airson deasbad an aghaidh Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig anns am baile aca fhèin, Dùn Èideann.

An dèidh cho àrd sa bha an ìre de dheasbad as a’ chiad dà chuairt de Dheasbad BT Alba 2011, a ghabh àite anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh, cha robh an iar-chuairt dheireannach gu bhith càil nas fhasa do na farpaisich a bha a’ strì airson àite anns a’ chuairt dheireannach den fharpais chliùiteach seo, a tha a-nis anns an treas bliadhna deug.

’S ann an Ionad nan Sgeulachdan ann an Dùn Èideann a chaidh an iar-chuairt dheireannach a chumail a-raoir. Thòisich Sgoil MhicNeacail, anns a bheil Calum Mac a’ Phì a tha air an t-siathamh bliadhna agus a ghabh pàirt anns am farpais an uiridh, agus Annabel NicIllinnein a tha air a’ chòigeamh bliadhna, a’ bruidhinn airson a’ mholaidh, ’S e amaideas a th’ ann a bhith a’ cosg ùine no airgead air a bhith fasanta’. An aghaidh a’ mholaidh bha dithis pheathraichean à Geàrrloch, Anna agus Ceitidh Alice Hulme aig a bheil ceanglaichean teaghlaich ri Leòdhas. Bha e sònraichte math faicinn Anna a’ tilleadh air ais don fharpais oir o chionn dà bhliadhna air ais sheall i cho comasach sa bha i anns a’ chiad chuairt. Cha b’ e farpais furasta a bhiodh seo do aon seach aon de na sgiobaidhean agus gu dearbha bha e duilich do na britheamhan aonta a ruiginn. Ach, cha b’ urrainn ach aon sgioba buannachadh agus ’s e Àrd-sgoil Gheàrrloch a dheàlraich ann an sùilean nam britheamh.

Anns an dàrna buidheann agus an deasbad mu dheireadh den oidhche, bha Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig, anns an robh Robbie MacLeòid agus Màiri Nic a’ Phearsain, airson a’ mholaidh ‘Gum bu chòir an Chrannchur Nàiseanta a stad’. An aghaidh a’ mholaidh seo bha Emily NicFhionghain agus Ceitlin Nic a’ Ghobhainn à Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ann an Inbhir Nis. Sheall gach sgioba sàr sgilean a thaobh deasbad agus cleachd iad àbhachdas nuair a bha e iomchaidh sin a dhèanamh. Ach aig deireadh an latha, ’s e caileagan Inbhir Nis a thagh na britheamhan airson a dhol troimhe chun a’ chuairt dheireannach.

’S iad nam britheamh air a’ bhliadhna seo Ruairidh Iain MacLeòid, a tha a’ tilleadh air ais chun fharpais airson an tritheamh bliadhna, am bliadhna mu dheireadh. Tha Ruairidh Iain na Iar Chathraiche air Cùirt Fearann na h-Alba agus Siorraidh ann an Taigh Shiorram Dhùn Èideann. Còmhla ris, agus nam britheamhan airson a’ chiad turas, tha Jo NicDhòmhnaill, a bha na Deasaiche aig BBC Craoladh nan Gàidheal airson iomadach bliadhna agus Raonaid Nic a’ Phearsain, a bha na Iar-Cheannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Thèid a’ chuairt dheireannach eadar Geàrrloch agus Allt a’ Mhuilinn a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba a-nochd fhathast. Cluinnear an deasbad seo beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 8f.  ’S ann air a’ chuspair, ‘Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain’ a bhios na sgiobaidhean a’ deasbad – cuspair gu math iomchaidh oir gur e Latha Naomh Anndrais a th’ ann.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach