Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

An dèidh feasgar de dheasbad a bha inntinneach agus cruaidh dha rìreabh, chaidh ainmeachadh cò na sgiobaidhean a thèid troimhe chun an iar chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2011. Bha dusan sgioba a strì an aghaidh a-chèile feasgar an-diugh anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh le na ceithir sgiobaidhean aig an robh na comharran as àirde a’ dol troimhe chun an ath chuairt a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 29 Samhain 2011. ’S iad Sgoil MhicNeacail à Leòdhas a bhios a coinneachadh ri Àrd-sgoil Gheàrrloch agus bidh Àrd-sgoil Sheumais Ghillespie à Dùn Èideann an aghaidh Acadamaidh Allt a’ Mhuillin à Inbhir Nis.

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche Comataidh Riaghlaidh Deasbad BT Alba:

“Às leth a’ chomataidh bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air a h-uile sgioba a thug dhuinn dà là air leth de dheasbad ’s de spòrs. Bha taghaidhean gu math duilich aig na britheamhan againn air a’ bhliadhna seo. ’S e aon de na rudan sònraichte mun Deasbad gu bheil e a’ toirt cothrom do sgoilearan a tha fileanta sa Ghàidhlig a thighinn cruinn còmhla agus càirdeas a dhèanamh le sgoilearan eile mhaireas iomadach bliadhna. Tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas dha na ceithir sgiobaidhean ’s iad a’ falbh a-nis gus tòiseachadh ag ullachadh mu choinneamh Dhùn Èideann”.

’S ann an Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios an iar-chuairt dheireannach a’ gabhail àite air Dimàirt 29 Samhain. Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 30 Samhain 2011 agus bidh seo ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal.

Bidh Sgoil MhicNeacail a’ deasbad an aghaidh Àrd-sgoil Gheàrrloch air a’ chuspair, “’S e amaideas a th’ ann a bhith a’ cosg ùine no airgead air a bhith fasanta” agus cluinnear Àrd-sgoil Sheumais Gillespie agus Acadamaidh Allt a’ Mhuillin a’ deasbad air a’ chuspair, “Bu chòir an Crannchur Nàiseanta a stad”. Seach gu bheil a’ chuairt dheireannach a’ gabhail àite air Làtha Naomh Anndrais, ’s ann air a’ chuspair “Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain” a bhios iad a’ cnuasachadh.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach