Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


8mh Samhain 2011

Ghabh a’ chiad chuairt de Dheasbad BT Alba 2011 àite an-diugh anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh. Bha fichead sgioba bho naoi sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ deasbad air caochladh cuspairean. Thèid na deich sgiobaidhean a bhuannaich, agus an dà sgioba a chaill agus aig a bheil na comharran as àirde bhon a’ chiad chuairt troimhe chun an dàrna cuairt. Anns an dàrna cuairt, bidh na sgiobaidhean a’ deasbad air an aon chuspair agus thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun an iar-chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air 29 Samhain 2011.

Tòisichidh an dàrna cuairt anns an Lanntair feasgar a-màireach (Diciadain) aig 1.30f agus tha cuireadh fhialaidh a’ dol gu neach sam bith a bhith an làthair. ‘S ann a beachdachadh air an aon chuspair: ‘Tha cus saoirsinn aig daoine am beachdan a chur an cèill air làraichean conaltraidh-sòisealta”. Chaidh an taghadh airson an Dàrna Cuairt mar a leanas:

  • Sir E Scott V Àrd-sgoil an Òbain
  • Sgoil MhicNeacail V Sgoil Lìonacleit
  • Àrd-sgoil Sheumais Gillespie V Àrd-sgoil Ualais
  • Acadamaidh Hazlehead V Àrd-sgoil Gheàrrloch
  • Sgoil Bhagh a’ Chaisteil V Àrd-sgoil Phort Rìgh
  • Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach