Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

13mh Dàmhair 2011

Air Diciadain 15 Òg Mhìos 2011, ghabh dithis sgoilear à Ard-sgoil Ghleann Challdair ann an Cille Bhrìghde an Ear, Aaron Shields agus Danielle NicPhàrlain, pàirt ann a bhideo trèanaidh mu choinneamh Deasbad Gàidhlig Nàiseanta BT nan Sgoiltean 2011. ’S iad Comataidh Riaghlaidh an Deasbad a thagh na sgoilearan. Tron t-seisean trèanaidh, chaidh oideachadh a thoirt seachad do dh’Aaron is Danielle ann a bhith a’ rannsachadh chuspairean, mar a tha thu a’ cleachdadh do ghuth, mar a tha thu ga do ghiùlain fhèin agus ciamar is urrainn dhut Deasbad èifeachdach a thoirt seachad. Bha an trèanadh, a bhios ri fhaotainn air bhideo, air a’ libhrigeadh le Iain Moireasdain, sàr chraoladair, a bha ag obair aig a’ BhBC mar fhear naidheachd fad iomadh bliadhna, agus a tha a-nis na Stiùiriche aig McGarvie Morrison Media. Thuirt Iain, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a bhuineas do Uibhist a Tuath:

“’S e sgil air leth chudromach a tha ann an conaltradh anns an 21mh linn, anns gach dreuchd. Tha na Deasbadan Gàidhlig, a fhuair mòr thaic bho BT, air misneachd a thoirt do dh’òigridh air feadh na dùthcha leasachadh a thoirt air na sgilean cànain is conaltraidh aca. Cuideachd tha spòrs is àbhachdas air leth an cois an Deasbad”.

Lean Iain air adhart le bhith ag ràdh:

“Tha an ìre de dheasbad a’ fàs nas fheàrr gach bliadhna. Tron bhideo a tha seo, gheibh an òigridh comhairle air ciamar is urrainn dhaibh tuilleadh leasachadh a dhèanamh. ’S e sgilean a tha seo a bhios feumail dhaibh anns na bliadhnaichean a tha ri teachd”.

Cuideachd, tha Rosemary Ward, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, a bha na britheamh fad trì bliadhna suas gu 2010, a’ toirt seachad agallamh mu na tha na britheamhan a’ lorg. Ghabh an trèanadh àite aig togalach eachdraidheil Clyde Port agus a thuilleadh air deagh chomhairle fhaighinn mu bhith a’ deasbad, fhuair Aaron is Danielle cothrom faicinn mar a tha obair fiolmadh a’ gabhail àite. Thug an Stiùiriche, Calum Angus MacAoidh agus an Neach-camara, Ray Hardie, seachad deagh chomhairle.

An dèidh làimh thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh:

“Thathar an dòchas gum bi a’ bhideo trèanaidh seo na ghoireas air leth feumail do sgoilearan agus tidsearan ’s iad ag ullachadh mu choinneamh Deasbad 2011. A thuilleadh air sin, thathar an dòchas gum bi seo na ghoireas feumail do sgoiltean ’s iad an sàs ann an a bhith a’ teagasg sgilean canain is conaltraidh”.

Tha a’ bhideo a-nis ri fhaotainn air làrach-lìn an Deasbad.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach