Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

28mh Iuchar 2011

Bha 24 neach cloinne eadar 9 – 12 bliadhna a dh’aois cruinn còmhla bho chionn ghreis aig Campa Sradagan a thachair aig Ionad Scaladail sna Hearadh.

Abair seachdain làn spòrs a bh’ aca eadar geamannan, streap, farpaisean, a snàmh, costeering, coiseachd ‘gorge’ agus barrachd. Fhuair iad cothrom dol dhan tràighe àlainn aig Losgantir agus chaidh iad air cuairt gu àitean eachdraidheil ann an Leòdhas lethid tursachan Chalanais, Dùn Chàrlabhaigh agus Taigh-dubh Àrnoil. Fhuair an òigridh fàilte chridheil ann an coimhearsnachdan Leòdhais is na Hearadh far a bheil a’ Gàidhlig làidir.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig:
“Tha sinn toilichte dha rìreabh gun robh an cothrom againn Campa Sradagan a’ chuir air dòigh a rithist - agus nas toilichte buileach gun do chòrd e ris a h-uile duine cloinne bha ann. Chan eil cus ann a tha nas cudromaiche an-dràsta na an ceangal a dhèanamh ann am beachd an òigridh eadar ‘spòrs’ agus a’ Ghàidhlig - teachdaireachd làidir an sin a bhitheadh sinn an dòchas a mhaireadh fad am beatha.”

Thug Bòrd na Gàidhlig seachad taic mu choinneamh cosgaisean a’ champa.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach