Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

10mh Faoilleach 2010

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air ìmpidh a chuir air gach Albannach le ùidh sa Ghàidhlig an cuid bheachdan air BBC ALBA a chuir gu Urras a’ BhBC, a tha a’ coimhead an dràsta ri dèanadas an t-sianal Ghàidhlig agus am bu choir an t-sianal a bhith air fhosgladh a-mach gu barrachd dhaoine le bhith ga chuir air Freeview (chan eil an t-sianal an dràsta ri fhaotainn ach air saideal agus cabal a-mhàin). Tha CnaG cuideachd airson a chuir an cuimhne dhaoine gur e 18mh den Fhaoilleach an ceann-latha airson freagairtean gu Measadh BBC ALBA.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, a tha air ùr gabhail tharais dreuchd mar Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Thathas a tomhais gu bheil mu 200,000 neach a’ coimhead BBC ALBA, a chaidh a chruthachadh do luchd-labhairt na Gàidhlig, iadsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain, iadsan ‘s dòcha a bhiodh airson ionnsachadh agus iadsan aig a bheil ùidh sa chànain agus an dualchas, gach seachdain. Tha an t-sianal air a bhith air leth soirbheachail ach ‘s e briseadh dùil a tha ann do mhòran nach eil an t-Sianal ri fhaotainn don mhòr chuid de dh’Albannaich aig a bheil ùidh sa chànan, seach nach eil e ri fhaotainn air Freeview. ‘S e briseadh dùil a tha ann cuideachd do na daoine a bha a’ strì airson Sianal Telebhisean Gàidhlig a steidheachadh thar iomadach bliadhna. Feumar cuimhneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dhualchas na h-Alba air fad, chan ann a-mhàin na sgìrean Gàidhealach, agus tha sinn airson gun cuir a h-uile Albannach le ùidh sa chànan fios gu Urras a’ BhBC ag iarraidh an t-Sianal a chuir air Freeview. Tha na prògraman gu ruige seo air a bhith aig àrd ìre agus tha sinn a’ moladh MG ALBA, am BBC agus luchd-cruthachaidh nam prògraman airson seo. Tha seo, ged tha, dìreach a cuir ris am briseadh dùil againn nach eil an t-sianal ri fhaotainn dhan h-uile duine.”

Anns an litir aca gu Urras a’ BhBC, tha CnaG air iarraidh gum bith BBC ALBA ri fhaotainn air Freeview agus gum faigh an t-sianal maoineachadh iomchaidh gus a leudachadh. Tha CnaG cuideadh ag iarraidh air Urras a’ BhBC an cothrom a thoirt do luchd-amharc na fo-thiotalan air an sgrion a chuir dheth. Thuirt Mgr MacNèill, “Tha CnaG a’ tuigsinn a bhuannachd a thaobh luchd-ionnsachaidh a tha fo-thiotalan a toirt seachad. Tha sinn a’ faireachdainn, ged-tha, gu bheil iad a-toirt aire luchd-amharc air falbh bhon phrògram agus tha sinn ag iarraidh air an Urras roghainn a thoirt don luchd-amharc na fo-thiotalan a bhith air no dheth.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach