Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

Co-fharpais Choimhearsnachd is Gnìomhachas

8mh Màirt 2010

Thathas a’ sireadh tagraidhean airson a’ choimhearsnachd agus a’ ghnìomhachas is motha a th’air togail a thoirt do chleachdadh agus ùrachadh na Gàidhlig thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad.

Tha na farpaisean a th’ air an cur am bog le Comunn na Gàidhlig, an co-bhonn le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a’ tighinn le duaisean airgid. Gheibh a’ ghnìomhachas agus a’ choimhearsnachd a ghleidheas a’ chiad àite sna farpaisean £3,000 an urra, agus gheibh an fheadhainn a bhios san darna àite san treas àite £1,500 agus £500 an urra.

Gleus – Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna
Bu choir do thagraidhean airson Gleus, Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna, tighinn bho choimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh bho latha gu latha, follaiseachd na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, cunbhalachd thachartasan Gàidhealach a’ gabhail àite, cothroman foghlaim is cùram chloinne tron Ghàidhlig ann agus far am bheileas a’ cleachdadh na Gàidhlig a measg òigridh, am measg nithean eile.

Faodar cur a-staigh airson duais Gleus as leth sgìre sam bith a th’air aithneachadh mar choimhearsnachd taobh staigh raon-obrach HIE. Chan eil tomhasan no crìochan àraid air meud na coimhearsnachd agus dh’fhaodadh gur e baile beag no mòr a bhiodh ann, neo grunn bhailtean a thigeadh còmhla, fhad sa dh’fhaodar an cruinneachadh a mheasadh mar “choimhearsnachd” le dualchas aithnichte.

Gnìomh – Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna
Thèid Duais Gnìomh chun ghnìomhachas is fheàrr a dhearbhas cleachdadh na Gàidhlig am measg luchd-obrach agus ri luchd-frithealaidh, follaiseachd na Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne agus cleachdadh na Gàidhlig tro shuaicheantas/margaideachd na buidhne. Cuideachd, bidh an fharpais fosgailte do ghnìomhachasan a tha a’ dèanamh strì gus ruighinn air na h-amasan ud.

Bu choir do thagraidhean airson Gnìomh tighinn o gnìomhachasan a tha aithnichte gu coimearsalta agus ag obair mar ghnìomhachas. Feumaidh iad a bhith a’ tighinn beò fa leth bho bhuidheann sam bith eile, no taobh-staigh buidheann nas mò, agus cha bu chòir dhaibh bhith nam pàirt no nam meur de dh’obair ùghdarras ionadail, companaidhean iomairt no buidhnean eile maoinichte le buidhnean poblach.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha sinn mothachail gu bheil gnìomhachasan is coimhearsnachdan ann a tha a’ dèanamh dìcheall airson ùrachadh a thoirt air a’ Ghàidhlig, agus a tha a’ cur an làn thaic ris an obair leasachaidh a tha a’ gabhail àite an ceartuair. Tha sinne air leth toilichte na farpaisean seo a chuir air dòigh gus aithne a thoirt do na h-oidhirpean sin. Chan e a-mhàin gum bidh seo na chuideachadh do na coimhearsnachdan is gnìomhachasan a ghleidheas na duaisean, ach le bhith a’ beachdachadh air na tha iadsan air a dhèanamh, gabhaidh leasanan ionnsachadh a bhios gu feum an àiteachan eile.”

Thuirt Alasdair MacLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, “Tha fòcas làidir aig HIE air gnìomhachasan agus coimhearsnachdan a bhith ga leasachadh fhèin agus a’ gabhail sealbh air cothroman ùra tro bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha seo cho cudromach oir ’s minig gur iad na coimhearsnachdan a tha fhathast làidir a thaobh a’ Ghàidhlig is motha aig a bheil na dùbhlain a thaobh leasachadh eaconamaidh. Tha sinne cinnteach gun toir foillseachadh soirbheachadh spionnadh do choimhearsnachdan is gnìomhachasan eile agus gur e farmad a ni treabhadh.”

Tha bileagan fiosrachaidh/tagraidh rim faighinn aig www.cnag.org.uk neo bho oifisean ChnaG an Inbhir Nis is Steòrnabhagh. Feumaidh tagraidhean airson an dà fharpais a bhith a-staigh ro 31 Cèitean 2010. Thèid na tagraidhean a mheasadh le panail air am bidh riochdairean bho Chomunn na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean is Bòrd na Gàidhlig agus thèid na duaisean a thoirt seachad aig Cuirm Coimhearsnachd anns an t-Samhradh 2010.

Tha Gleus is Gnìomh air am maoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air an ruith le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach