Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Pròiseact coimhearsnachd DVD Bhràgair

12mh Iuchar 2010
Òige is Aois a’ Falbh a’ Bhaile


Fad ceithir madainnean, an t-seachain a chaidh, bha grunn de dh’òige ’s de dh’aois rim faicinn a’ falbh air feadh baile Bhràgair. ’S e bha seo pròiseact samhraidh far an robh cothrom aig clann a bhith a-muigh an cois triùir inbheach a bha gan toirt gu àitichean sònraichte anns a’ bhaile agus ag innse dhaibh mu ghnè is eachdraidh làraich is thogalaichean, ’s gach lideadh dhen sin anns a’ Ghàidhlig.

Bha am pròiseact air a chur air chois le Iomart Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais aig CnaG agus Comann Eachdraidh an Taobh Siar.

An t-amas a bh’ ann, an òigridh (eadar 10 is 17 bliadhna) a bhith saor a-muigh ’s iad a’ cluinntinn ’s a’ faicinn dhaib’ fhèin aig làraich de dh’iomadh seòrsa a tha nam pàirt de chruth is dualchas a’ bhaile.

Chaidh greis a thoirt a’ coimhead ’s a’ còmhradh aig ionadan dhen leithid seo: Teampall Eòin/Cill Sgàire, a tha na thogalach beag sònraichte, ’s a tha na sheasamh sàmhach an siud cò-dhiù bhon 15mh linn; an làrach gu mòr as sine sa bhaile, an Dùn, a chaidh a thogail an Loch an Dùin ann an Linn an Iarainn bho chionn dà mhìle bliadhna, ach a tha le a sheanchas fhèin na chois ged a tha a bhalla a’ crìonadh.

’S i Muileann nan Gobhaichean a’ mhuileann ghràn bho dheireadh a bha a’ dol ann an Leòdhas agus dh’ionnsaich an òigridh carson a bha i agus ciamar a bha daoine ga cleachdadh, i fhèin agus na seachd eile a bha uair air an allt ud. Chaidh stad greis aig làrach grunn bhùithtean beaga a chleachd a bhith sa bhaile; rinneadh iomradh air a’ mhuc-mhara mhòr a thàinig air tìr an Geò na Muic ann an 1920, ’s chaidh deilbh a thogail far a bheil a gèillean an-àirde aig taigh a-muigh ris a’ rathad. Thugadh greis aig tobhtaichean sean thaighean is àth is leasan-càoil, ’s chaidh sealltainn ri rudan cho annasach ri hobble is toll-fasgnaidh is surrag, gun luaidh air crùb is rum-falaich ann an taigh a bh’ ann bhon 18mh linn. Bha an òigridh a’ feuchainn ri Spòg a’ Gheòidh a lorg air clachan anns an Aird Mhòir mar a dhealbh muinntir an Ordnance Survey iad mu 1850. ’S chaidh innse mar a thachair an cuid de gheodhachan a’ chladaich.

Às dèidh bòbhla math brot is eile air ais an Ionad na Seann Sgoil, bha bùithtean-obrach air chois mu bhidio, is craoladh is agallamhan. Is bha an òigridh dripeil a’ cumail leabhar-latha ’s a’ deasachadh pìos sgrìobhaidh a nochdas ann am Fuaran, am pàipear-coimhearsnachd. Bidh bhidio slàn ann air a’ phròiseact air fad ’s rinn an òigridh pìos air Aileag. Chruthaich is chluich Màidsear na Pìoba, Pàdraig MacAoidh, fonn ùr airson a’ phroiseict – ‘Moladh Bhràgair’.

Chaidh an tachartas gu lèir a chlaradh leis an amas DVD a chruthachadh mar chlàr ùr de dh’eachdraidh is ainmean àite na sgìre. Bidh seo na ghoireas dhan a’ choimhearsnachd air fad agus thèid fhoillseachadh nas fhaide air adhairt sa bhliadhna.

Chòrd an gnothaich ri na bh’ ann air leth math. Thuirt cuid dhen òigridh: ‘Bha an t-seachdain uabhasach math.’ ‘Chaidh sinn air treasure hunt a’ lorg benchmark.’ ‘Chòrd e rium faicinn làrach nam bùithtean. Bha tòrr ac’ ann agus bha iad a’ reic a h-uile càil mar tofaidh-bò, tombaca agus slatan-creagaich.’

Thuirt Comunn Eachdraidh an Taobh Siar: “Tha sinn ro thoilichte a bhith ag obair còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais gus na sgeamaichean chudromaiche agus feumail seo a chur an sàs. Tha sinn an dòchas gun tog seo aire dhaoine air ar eachdraidh, dualchas agus obair a’ Chomunn Eachdraidh anns a’ choimhearsnachd.”

Thuirt Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais Magaidh NicAoidh, “Tha sinn toilichte a bhith an luib pròiseact mar seo, far a bheil òigridh is inbhich ag obair còmhla, a’ brosnachadh conaltraidh eadar na ginealaich. Chan eil teagamh ann cho cudromach ’s a tha e gum bi an Iomairt agus buidhnean, mar na comainn eachdraidh, ag obair còmhla gus a Ghàidhlig a neartachadh sa sgìre agus tha sinn gu fada an comain na buidhnean a mhaoinich a’ phròiseact sònraichte seo.”

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus chaidh a’ phròiseact sònraichte seo a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean is MG ALBA.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Marina Mhoireach air 01851 701802 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach