Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Buidheann Òigridh Nis le prògram air an rèidio

8mh Gearran 2010

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar-thuath Leòdhais air buidheann òigridh ùr a steidheachadh ann an Nis, buidheann a tha’n dùil diofar phròiseactan tro mheadhan na Gaidhlig a chur air dòigh san àm ri teachd. Tha am buidheann air a dhèanamh an àirde de òigridh a tha a’ frithealadh Sgoil Lionail air P7, S1 agus S2. Chaidh am buidheann a steidheachadh airson pròiseactan, a chur air dòigh, taobh a-muigh na sgoile.

Thairis na ceithir mìosan a chaidh seachad tha a’ bhuidheann air a bhith a’ coinneachadh as dèidh na sgoile, ag obair ag ullachadh prògram rèidio, an co-bhonn leis a’ BhBC. Chaidh cuspairean aig am biodh uidh sònraichte aig muinntir Nis annta an taghadh agus chaidh pìosan ciùil a-rèir na cuspairean an taghadh. Am measg na cuspairean a th’anns a’ phrògram, tha an goireas ùr ann an Nis, Spòrsnis agus iomairtean ionadail gus stad a chur air blàthachadh na cruinne. Rannsaich a’ bhuidheann na cuspairean agus a rinn iad fhèin na h-agallamhan airson a’ phrògram. Bha iad ann an stiuidios a’ BhBC dà uair a’ cur a’ phrògram ri chèile agus ga chlàradh. Fhuair a’ bhuidheann taic bho ioma duine is buidheann, ach gu sònraichte bho Anndra Robasdan, riochdaire bhon BhBC.

Thuirt Magaidh NicAoidh, a tha na Cathraiche air Iomairt Ghàidhlig Iar-thuath Leòdhas, “Tha seo na eisimpleir air an seòrsa pròiseact sam bidh an Iomairt an sàs gus gach cuid a’ chlann cothrom fhaighinn an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus cuideachd an sgilean a thaobh na meadhanan ùra a leasachadh. Bheir an seòrsa pròiseact seo mòran mhisneachd dhan chlann a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh sgilean ùr a thogail bho luchd-obrach proifeasanta, mar Anndra.”

Thèid am prògram a chraoladh mar phàirt den phrògram, ‘Rapal’ air BBC Rèidio nan Gàidheal, air Diluain 22mh An Gearran, a’ tòiseachadh aig 7.00f.

Tha na h-iomairtean cànain air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air an cuir an gnìomh le Comunn na Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosachaidh, cuiribh fios gu Marina Mhoireach air 01851 701802 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach