Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

HIE a’ dearbhadh luach na Gàidhlig

6mh Iuchar 2010

Tha cùmhnant leasachaidh na Gàidhlig luach £680,000 air a thabhainn gu Comunn na Gàidhlig (CnaG) bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) thar an ath dhà bhliadhna.

Tha leudachadh na Gàidhlig aig cridhe raon-dleastanais HIE a thaobh leasachadh sòisealta agus choimhearsnachd air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Bheir a’ chùmhnant ùr comas dhan bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, leantainn orra le bhith toirt seachad seirbheisean a tha toirt piseach air buannachdan na Gàidhlig gu h-àraid na h-àitean as cugallaich san raoin.

Tha a’ chùmhnant eadar CnaG agus HIE a’ gabhail a-steach grunn thargaidean ach ag amas gu h-àraidh air a bhi cur ri na raointean-eaconomach chudromach leithid na gnìomhachasan cruthachail agus turasachd, agus a bhi cuir an sàs ro-innleachd airson a’ mhargaidh obrach ’s a’ Ghàidhlig a leudachadh.

Tha seirbheisean a’ chùmhnant seo stèidhichte air Ro-innleachd Eaconamaidh na h-Alba cho math ri Plana Gàidhlig HIE. Tha targaidean eile ’s a’ chùmhnant ùr seo a’ gabhail a-steach àrdachadh pròiseictsan Fàs aig an Oir agus a’ toirt seachad taic-airgid do shanasan dà-chànanach agus sgeama ath-bheothachaidh coimhearsnachd.

A bharrachd air an seo, tha CnaG ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig - a’ bhuidheann leasachaidh le uallach airson stiùireadh agus riaghladh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Thuirt John Watt, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan aig HIE: "Tha e na àrd-amas aig HIE gun tig fàs air cleachdadh na Gàidhlig, agus piseach mhòr air cliù na cànain agus na tha i a’ cur ri coimhearsnachdan agus companaidhean ’s an sgìre. Tha a’ chùmhnant le CnaG air a bhith bunaiteach a thaobh obair leasachaidh HIE airson bliadhnaichean, agus tha e dearbhte gum bheil e air cur gu mòr ri obair leasachaidh na cànain thar na bliadhnaichean."

’S fhada bhon a thug HIE mothachadh dha na cothroman an lùib leasachadh na Gàidhlig, cho math ris a’ chultar agus an dualchas a bhuinneas rithe, dha na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha Plana Gàidhlig HIE ag amas air làn-bhuannachd leasachaidh eaconamach is coimhearsnachd a’ chànain, a’ chultair agus a dhualchais, a thoirt gu buil, agus gus suidheachadh dha-riribh seasmhach airson choimhearsnachdan Gàidhlig na Gàidhealtachd a thoirt gu buil.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, ceannard ChnaG: "Tha sinn ro-thoilichte a bhi ag obair às leth HIE gus na sgeamaichean chudromach is feumail seo an cur an sàs. Cha ghabh e àicheadh, ’s an latha a th’ ann, gu bheil cothroman ann do chompanaidhean, agus coimhearsnachdan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig, buannachd a thoirt às. Aig CnaG tha sinn dhen bheachd gu bheil na sgeamaichean seo nam meadhan air daoine bhrosnachadh gus brath a’ ghabhail air na cothroman sin. Tha sinn toilichte gu bheil an compàirteachadh a th’againn còmhla ri cho soirbheachail agus gu bheil seo a’ nochdadh sa chùmhnant ùr 2010-12."

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach