Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


1d Giblean 2010

Tha a’ mhòr-chuid a’ cur taic ri soidhnichean dà-chànanach a-rèir rannsachadh a rinn Comunn na Gàidhlig (CnaG) orra aig ionadan sgithidh ann an Alba.  Tha an rannsachadh a’ sealltainn gu bheil 69% taiceil, 20% coma agus 11% nan aghaidh.  Bha duais an luib na h-obrach seo cuideachd le Josephine Kinsley à Dùn Èideann a’ buannachadh tiogaid còig-latha airson ionadan-sgithidh an ath-bhliadhna.  Chaidh Josephine a thaghadh às an fheadhainn a ghabh pàirt sa rannsachadh.

Chaidh taic mòr a dhearbhadh cuideachd airson na Gàidhlig le tòrr a’ dèanamh ceangal eadar cànan ’s ath-bheothachadh cultar.  Dh’fhaighnich CnaG nam biodh e comasach ceangal a dhèanamh eadar prothaid ’s cleachdadh na Gàidhlig.  Ged nach eil fianais ann gu bheil seo fìor, bha diofar bheachdan aig daoine le cuid ag ràdh gum b’ fheàrr leotha àite far a bheil Gàidhlig seach àite aon-chànanach.  Ach, an aghaidh seo, thuirt feadhainn eile nach eil ceangal ann.

Thuirt Marian Austin, Stiùiriche Monadh Nibheis "Bha sinn taiceil airson soidhnichean dà-chànanach ach cha robh cinnt againn air beachd a’ mhòr-shluaigh ’s mar-sin tha e math fhaicinn gu bheil iad a’ còrdadh riutha.  Gu dearbh, aig ionadan-sgithidh Eòrpach tha soidhnichean dà-chànanach no trì-cànanach tric".  Bha Dòmhnall Morris, Manaidsear Leasachaidh Sgìreil, den bheachd gur e seo an rannsachadh as motha a chaidh a dhèanamh air a’ chuspair seo ’s gu bheil na tòraidhean dòchasach nan comharra air an obair chudromach a thaobh togail ìomhaigh na Gàidhlig.

Thuirt Neil Ross bho Iomairt na Gàidhealtachd gu bheil an sèasain air a bhith soirbheachail agus chuir e fàilte air beachdan an t-sluaigh ’s an ceangal a tha iad a’ dèanamh le Gàidhlig ’s an àrainneachd-sgithidh.

Bha diofar adhbharan aig daoine airson taic a nochdadh airson na Gàidhlig le cuid den bheachd gu bheil i a’ toirt fèin-aithneachadh ’s pròis do dh’Alba.  Thuirt a’ mhòr-chuid gur e adhbhar-reic a th’ innte agus gum fàgadh i spòrs-sneachda na spòrsail ’s tlachdmhor.  Bha cuid den bheachd gu bheil taic airson na Gàidhlig ’s àbhaisteachadh cudromach airson cor na Gàidhlig san àm ri teachd.  Bu chòir do bhuidhnean sa Ghàidhealtachd barrachd a dhèanamh le Gàidhlig a-rèir tòrr a ghabh pàirt sa rannsachadh.  Chaidh fàilte a chur air an taic a thug buidhnean Gàidhlig do sgitheadh ann an Alba.

Sheall an rannsachadh cuideachd gu bheil fàilte ga chur air tuilleadh leasachaidhean mar seo.  Dh’fhaighnich CnaG airson beachdan nan rachadh ionadan-sgithidh air ais do Bheurla a-mhàin.  A-rithist, bha trì cairteil an aghaidh seo agus ga fhaicinn mar ceum an aghaidh na Gàidhlig ’s cultar na h-Alba san fharsaingeachd.

Bha beachdan an aghaidh soidhnichean dà-chànanach aig ìre gu math nas lugha a’ riochdachadh beachd nach fhiach e taic a chumail ri Gàidhlig no gum biodh soidhnichean dà-chànanach cunnartach aig ionadan-sgithidh.

Ghabh daoine bho air feadh na h-Alba pàirt sa rannsachadh a bharrachd air feadhainn à ceàrnaidhean eile.  ’S e seo an rannsachadh a bu mhotha a chaidh a dhèanamh le 250 daoine a’ gabhail pàirt ’s chaidh a chumail air loidhne ’s le agallamhan aig Monadh Nibheis.  Thàinig trafaig eadar-lìon tro làraich-lìn nan ionadan-sgithidh ’s làraich sònraichte mar Winterhighland.

 

Tha sgeama nan soidhnichean dà-chànanach a-nis fosgailte, far am faigh buidhnean taic suas ri £2000 airson nan cosgaisean a bhith a’ gabhail a-steach Gàidhlig dha na soidhnichean no stuth margaideachd aca.  Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn ChnaG.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach