Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Ri Chèile 2010

28mh Sultain 2010

Tha sgioba do dheugairean Ceilteach gu bhi tighinn cruinn còmhla ann an Ionad Àrois, Port Rìgh, air 30 Sultain ’son farpais deasbad a tha sìor fàs nas cliùiteach. Bidh buidheann dheugairean le Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns an Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig ‘Ri Chèile’ a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bho Bhaile Dhubhthaich, Cille Bhrìghde an Ear, Comar nan Allt, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, Steòrnabhagh agus Port Rìgh fhèin. A bharrachd air an deasbad fhèin, bidh ‘Cuairt tro thìme’; ann an àrainneachd àlainn Chuith-raing. Chithear clachan annasach agus lorgan dhìneasair ann, is cluinnidh an ginealach òg mu na daoine a bha beò an seo bho chionn ochd mìle bliadhna. Air an oidhche mu dheireadh, bidh cèilidh ann an Talla Chille Mhoire còmhla ri Anna Mhàrtainn agus ceòlaidearan òga na sgìre.

A rèir Alasdair MacFhionghuin, Co-òrdanaiche, Cholmcille, “Tha Ri Chèile a’ toirt cothrom do dhaoine òga bho Alba agus bho Thuath agus Deas Èirinn coinneachadh agus deasbad ann an suidheachadh beòthail. Tha tòrr obair agus toileachas na lùib dha na daoine òga cho math ris an luchd-teagaisg. Tha e na phròiseact chudromach do Cholmcille, tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ gabhail pàirt ann agus tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air CnaG agus Gael-Linn agus na tha an sàs na shoirbheachadh leantainneach.”

Thuirt Sìne Ghilleasbuig à Lasair [Iomairt Ìochdar Thròndairnis],
“Tha an òigridh air gach taobh de Sruth na Maoile air a bhith trang, ag ullachadh an cuid taisbeanaidhean mu choinneamh Ri Chèile. Bheir seo misneachd dhaibh fhèin, agus tlachd dhan luchd-èisteachd. Is e cothrom air leth a tha ann dhan Ghàidheil òg tachairt ri chèile, agus tìde a chuir seachad ann an àite Gàidhealach a bhios ùr dhan mhòr chuid. Tha fiughair againn fàilte a chuir orra. Is e ar dòchas gum bi fosgladh sùla ann dhaibh ann an Ìochdar Thròndairnis – an luib tòrr spòrs.”

An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha ‘Cumhachd nam Meadhanan’, ‘Maoin Urrais Chloinne’, agus ‘An aghaidh a bhith a’ dearbhadh stuthan maise-gnùis air beathaichean’.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach