Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

8mh Dàmhair 2010
An fheadhainn a bhuannaich

’S iad ban-sgoilearan òg à Alba a bhuannaich a dhà a-mach às an trì prìomh dhuaisean a bha gan toirt seachad an lùib farpais ‘Ri Chèile’ (Fòram Cainte eadar-nàiseanta) a chumadh ’s an t-Eilean Sgiathanach aig deireadh na seachdain-sa chaidh.

’S i Christina Louise NicLeòid bho Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a bhuannaich a’ phrìomh duais leis an òraid aice ‘Ceòl agus a bhuaidh a th’ aige oirnn’.

Bha Christine Hay bho Thaigh-crábhaidh Loreto, Milford anns a’ chiad àite airson Èirinn, agus ’s i Eilidh NicDhonnchaidh à Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach a ghlèidh a’ chiad àite airson Alba.

Thuirt Christina Louise a bhuannaich Ri Chèile 2010, “Chòrd an turas cho math rium. Tha e math gu bheil cothrom mar seo air a’ thoirt seachad do dh’òigridh agus eòlas fhaighinn air cànan agus cultar cach a chèile. Tha mi uabhasach toilichte tachairt ri caraidean ùr agus tha mi ’n dùil gu bheil sinn uile taingeil do Chomunn na Gàidhlig agus Gael Linn airson an cothrom thoirt dhuinn.”

’S e seo an 7mh turas a thathas air fòram Ri Chèile chuir air dòigh. Bithidh an tachartas a’ gluasad eadar Èirinn agus Alba gach bliadhna. Am bliadhna bhathas uile còmhla ann an Ìochdar Thròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha am Fòram air a chuir air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn, le taic airgid bhon phròiseict ColmCille a th’ air a maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge.

Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn a Tuath agus Èirinn a Deas còmhla ri sgoilearan bho; Bhaile Dhubhthaich, Cille Bhrìghde an Ear, Comar nan Allt, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, Port Rìgh agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an deasbad fhèin, ghabh iad cuairt dhan Chadha Riabhaich agus thadhail iad air Taigh-tasgaidh an Eilein Sgitheanaich.

A rèir Dòmhnall MacNèill, Ceannard Comunn na Gàidhlig “Saoilidh mise gum bheil e cudromach dha rìreabh cothroman inntinneach mar seo thabhann dhan òigridh a tha ag ionnsachadh ’s a leasachadh an cuid Gàidhlig agus Gaeilge. Gu ìre mhòr tha co-thuigse aca air càch a chèile oir tha an dà chànan is an dà chultur cho faisg. Tha sinn an dòchas cuideachd gu bheil tachartas mar seo a’ misneachadh an òigridh ann an dòigh gus leantainn orra le bhith ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig aca.”

An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha ‘Am bu chòir cìsean a bhi air biadh mì-fhallain?’, ‘Cúrsaí drámaíochta in Éirinn’, ‘Am bu chòir croitearachd a bhi a crochadh air reic?’, agus ‘Spòrs air tbh Gàidhlig’.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach