Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Moladh do Sgiobaidhean Deasbad BT ALBA 2010

3mh Samhain 2010

An dèidh feasgar de dheasbad a bha inntinneach agus cruaidh dha rìreabh, chaidh ainmeachadh cò na sgiobaidhean a thèid troimhe chun an iar chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2010. Bha dusan sgioba a strì an aghaidh a-chèile feasgar an-diugh anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh le na ceithir sgiobaidhean aig an robh na comharran as àirde a’ dol troimhe chun an ath chuairt a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 23 Samhain 2010. ’S iad Sgoil MhicNeacail A à Leòdhas a bhios a coinneachadh ri Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A ann am blàr mòr na h-eileanan! Gabhaidh batail eile àite eadar dà sgoil à Inbhirnis, sin Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn agus Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis.

 

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche Comataidh Riaghlaidh Deasbad BT Alba:
“Às leth a’ chomataidh bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air a h-uile sgioba a thug dhuinn dà latha air leth de dheasbad ’s de spòrs. Bha taghaidhean gu math duilich aig na britheamhan againn air a’ bhliadhna seo. ’S e aon de na rudan sònraichte mun Deasbad gu bheil e a’ toirt cothrom do sgoilearan a tha fileanta sa Ghàidhlig a thighinn cruinn còmhla agus càirdeas a dhèanamh le sgoilearan eile mhaireas iomadach bliadhna. Tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas dha na ceithir sgiobaidhean ’s iad a’ falbh a-nis gus tòiseachadh ag ullachadh mu choinneamh Dhùn Èideann”.

Chaidh an taghadh airson an iar-chuairt dheireannach mar a leanas:

  • Buidheann A: Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A V Sgoil MhicNeacail A
  • Buidheann B: Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn V Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis

’S ann an Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios an iar-chuairt dheireannach a’ gabhail àite air Dimàirt 23 Samhain. Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 24 Samhain 2010 agus bidh seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 1800.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach