Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Deasbad BT Alba 2010

23mh Samhain 2010

Cha robh ach aon nì cinnteach mun iar-chuairt dheireannach de dheasbad BT Alba 2010 – gur e sgioba as na h-eileanan a bhiodh an aghaidh sgioba à Inbhirnis anns a’ chuairt dheireannach a ghabhas àite an ath-oidhche. Chaidh an taghadh a dhèanamh ann an Steòrnabhagh air Diciadain 3 Samhain agus bha seo a’ ciallachadh gun robh Sgoil MhicNeacail gu bhith a’ strì an aghaidh na caraidean aca à Barraigh, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil. Dh’fhàg seo gun robh Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis gu bhith an aghaidh chailleagan a chur seachad bliadhnaichean a’ bhun-sgoil còmhla riutha, Acadamaidh Allt a’ Mhuillinn.

An dèidh cho àrd sa bha an ìre de dheasbad as a’ chiad dà chuairt de Dheasbad BT Alba 2010, a ghabh àite anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh, cha robh an iar -chuairt dheireannach gu bhith càil nas fhasa do na farpaisich a bha a’ strì airson àite anns a’ chuairt dheireannach den fharpais chliùiteach seo.

’S ann an Ionad nan Sgeulachdan ann an Dùn Èideann a chaidh an iar-chuairt dheireannach a chumail a-nochd agus ’s iad sgoilearan nan eilean Siar a ghabh an àrd ùrlar an toiseach a’ deasbad air a’ chuspair, “Tha thìde ann a-nis Hiort ath-bheòthachadh le luchd-fuirich làn-ùine”. ’B e seo an dàrna bliadhna aig Christina L NicLeòid agus Iain Murdo Mac a’ Mhaoilein a bhith anns an iar-chuairt dheireannach agus bha iad misneachail agus proifeasanta anns an dòigh a lìbhrig iad na h-òraidean aca, mar a dh’fhaighnich iad na ceistean agus mar bha na freagairtean aca a’ sealltainn gu robh iad air mòran smaoineachadh a dheànamh air a’ chuspair. Bha an òraid aig Sgioba Bhàgh a’ Chaisteil, le John James Mac a’ Bhreatannaich agus Aonghas MacIlleathain làn àbhachdas – sgil sònraichte a tha an sgoil seo a’ cleachdadh bliadhna an dèidh bliadhna ann an dòigh air leth èifeachdach. Sheall na balaich gu robh deagh thuigse aca air a’ chuspair agus gu robh iad comasach an cuspair a làimhseachadh ann an dòigh phroifeasanta. Ach aig a’ cheann thall cha robh ach aon sgioba gu bhith a’ dol troimhe chun a’ chuairt dheireannach agus ’s iad Sgoil MhicNeacail a thagh na britheamhan.

Anns an dàrna buidheann, bha làn fhios aig an luchd-èisteachd gur e deasbad inntinneach dha rìreabh a bha gu bhith ann. Chaidh Sally Swanson agus Corinn Miller gu Bun-sgoil Inbhirnis còmhla ri Ceitlin Nic a’ Ghobhainn agus Catrìona Mhoireasdain agus ged a tha iad a-nis ann an àrd sgoiltean eadar-dhealaichte, tha iad fhathast uile gu math càirdeil. Seo cuideachd a’ chiad bliadhna a tha an ceathrar seo air pàirt a ghabhail ann an Deasbad BT Alba agus a thuilleadh air seo, is e an aon thidsear Mary Ellen Stiùibhart a tha gan teagasg, ’s i eadar an dà sgoil! ’S ann a’ deasbad air a’ chuspair, “Chan ann airson beatha-cosnaidh a bu chòir do sgoiltean a bhith ag ullachadh sgoilearan idir”, a bha na cailleagan agus bha na h-òraidean agus na h-argamaidean aig gach sgioba fìor mhath. Sheall iad gu robh iad air deagh rannsachadh a dhèanamh agus gu robh iad comasach air òraidean fiosrachail a thoirt seachad. Gu dearbha, bha na bha an làthair toilichte nach robh iad nam britheamhan. An dèidh breithneachadh thàinig na britheamhan gu co-dhùnadh gur e clann nighean Allt a’ Mhuilinn a choinnicheas ri Sgoil MhicNeacail as a’ chuairt dheireannach an ath-oidhche.

Thèid a’ chuairt dheireannach a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath-oidhche eadar Sgoil MhicNeacail agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn. Cluinnear an deasbad seo beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 6f. ’S ann air a’ chuspair “Tha e nas fhasa do leanabh a bhith air a thogail air an dùthaich na sa bhaile mhòr”.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach