Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Sgoil MhicNeacail a Buannachadh

24mh Samhain 2010

Ghabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2010 àite ann am Pàrlamaid na h-Alba eadar sgiobaidhean bho Sgoil MhicNeacail agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn.

 

Ann an sgioba Sgoil MhicNeacail bha Christina Louise NicLeoid agus Iain Murchadh Mac a’ Mhaoilein agus air an taobh eile Ceitlin Nic a’ Ghobhainn agus Catriona Nic a’ Ghobhainn bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn agus chualar deasbad air leth le Sgoil Mhicneacail a glèidheadh a’ phrìomh dhuais. Bha taghadh gu math duilich aig na britheamhan ri dhèanamh.

’B e Christina Louise NicLeoid à Sgoil MhicNeacail a ghlèidh duais Neach-labhairt as Fheàrr ann an Deasbad 2010 agus ’s e Dòmhnall Iain Mac Ille Dhuinn bhon BhBC a thug seachad an duais. ’S iad na trì britheamhan Rosemary Nic a’ Bhàird, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, Mata MacÌomhair, Àrd Ollamh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Ruairidh Iain MacLeòid a tha na Iar Chathraiche air Cùirte Fearann na h-Alba agus a tha cuideachd aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann. Bha na britheamhan uile ag aontachadh gu robh ìre farpais na bliadhna seo air sìor èirigh.

Thuirt Calum Iain MacLeoid a tha na Chathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad BT Alba 2010.

“Chòrd an oidhche rium fìor mhath agus bha farpais na bliadhna seo aig fìor àrd ìre. Tha an Deasbad a’ sealltainn an obair chruaidh a tha a’ gabhail àite nar sgoiltean, nar coimhearsnachdan agus nar dachaighean agus bu chòir seo a bhith na adhbhar mhisneachd dhuinn. Tha Deasbad BT Alba a’ dol bho neart gu neart bho bliadhna gu bliadhna agus tha mi an dòchas gu lean seo”.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad. Taing do Phàrlamaid na h-Alba airson na dealbhan anns an aiste seo.

Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach