Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


1d Sultain 2010

’S e baile Stafainn, an ear-thuath an t-Eilean Sgiathanaich, “Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna” son 2010. Chaidh seo ainmeachadh le Rùnaire an Riaghaltais Mìcheal Ruiseal ’s e tadhal air an eilean an diugh (1 Sultain, 2010).

Chaidh an fharpais a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) bhon chùmhnant leasachaidh Gàidhlig a tha iad a’ lìbhrigeadh às leth Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (InG).

Seo a’ chiad turas a tha an fharpais air a bhi ann, ach fiù’s aige sin, bha còrr is deich buidhnean air tagradh air a shon, bho air feadh na Gàidhealtachd is nan eilean.

Chaidh a’ phrìomh dhuais, de thrì mìle not (£3,000) thoirt seachad dha riochdairean bhon coimhearsnachd ann am Port Rìgh, le Rùnaire an Fhoghlaim agus Ionnsachadh Fad-bheatha, Mìcheal Ruiseal.

Thuirt esan: “Faodaidh muinntir Stafainn agus na bailtean mun cuairt a bhith gu math moiteil às an duais seo oir tha mi tuigsinn gun robh farpais chruaidh ann ’son a’ chiad àite a ghlèidheadh. Tha ìre an dealas dhan a’ Ghàidhlig mìorbhaileach agus tha mi an dòchas gum bith e na dhùsgadh-inntinn agus na thogradh do Albannaich eile gus dèanamh cinnteach gun tig fàs air a’ Ghàidhlig.”

Chaidh na diofar thagraidhean am meas mu choinneamh diofar slàtan-tomhais, nam measg:

  • cho tric ’s a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh ’s a choimhearsnachd bho latha gu latha;
  • follaiseachd na Gàidhlig ’s a’ choimhearsnachd;
  • cho tric ’s a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh a measg òigridh na sgìre, agus;
  • na cothroman a th’ anns an sgìre a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Chaidh na tagraidhean am meas le panail de bhritheamhan, a’ gabhail a-steach luchd-obrach ChnaG agus riochdairean bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

’S iad Urras an Taobh Sear a dheasaich an tagradh às leth sgìre Stafainn, agus tharraing iadsan aire nam britheamhan gu na h-uidhir a bha tachairt ’s an sgìre mu, agus tron Ghàidhlig, bho farpaisean agus tachartasan òigridh, gu gnothaichean coimhearsnachd agus clasaichean Gàidhlig. Aig a cheart àm bha iad mothachail gu robh an tuilleadh aca ri dhèanamh gus àite a’ chànain ’s a’ choimhearsnachd a dhaingneachadh fhathast.

Thuirt Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach: “Às leth Urras agus coimhearsnachd An Taobh Sear, bu toil leam taing a thoirt do gach aon a bha sàs ann an seo. Tha sinn moiteil gu bheil an obair a' faighinn spèis agus gu bheil a’ Ghàidhlig mar phrìomh phàirt de sin. Anns an am ri teachd bidh prìomhachas air a thoirt, ag obair còmhla ri Iomairt Chànain Lasair agus CnaG, gu bhi leasachadh a’ chanain ’s a’ toirt cothroman do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh troimh phròiseactan agus chlasaichean. Tha duais mar seo a’ toirt dhuinn misneachd cumail a’ dol - ’s cuideachd a’ sealltainn gu bheil luach anns an obair a tha coimhearsnachdan, air feadh Alba, a dèanamh airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Cha robh teagamh aig buill a’ phanail-measaidh gun robh Urras an Taobh Sear airidh air a’ chiad duais, agus bha e math iomradh fhaicinn ’s an tagradh aca air cho làidir is cho stèidhichte ’s a tha a’ Ghàidhlig ’s an sgìre.

“Aig a cheart àm feumaidh mì ràdh gun robh e gu math duilich às dèidh siud sgaradh a dhèanamh am measg cuid dha na tagraidhean eile. Bhitheadh iad uile airidh air aithne agus cliù, agus b’ e obair dhuilich a bh’ ann co-dhùnadh cò ghlèidheadh an darna ’s an treas àite.

“Tha dùil againn an fharpais seo chumail a-rithist an ath bhliadhna, agus bu chòir dhan h-uile buidheann bhi air am misneachadh tagradh an uair sin.”

’S e sgìre Sholais ann an Uibhist a Tuath a ghlèidh an dàrna àite ’s an fharpais, luach £1,500, agus a’ bhuidheann “SINNE” a ghlèidh an treas duais de £500 airson an obair a tha iadsan a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann am Bàideanach is Srath Spè.

Thuirt Iain Watt, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Tha e gu math follaiseach dhuinne gum bheil coimhearsnachdan làidir agus misneachail aig cridhe soirbheachas na sgìre seo, agus gum bheil a’ Ghàidhlig na meadhan cudromach air am misneachd seo bhrosnachadh. Bha sinn gu math toilichte taic chumail ris am farpais seo, agus bu mhath leam moladh a dhèanamh air a h-uile buidheann a rinn tagradh air a shon.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach