23mh Samhain 2010

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cuairteachadh an Sanas Naidheachd sa às leth Urras Shomhairle.

Tha cothrom ga thabhann an-dràsta dha sgoilearan Gàidhlig air feadh Alba dhol an sàs ann an farpais-sgrìobhaidh, far am faodadh an cuid obrach bhi air chlò-bhualadh cuide ri feadhainn de na bàird as ainmeil ann an saoghal nan Ceiltich. Tha an gnothach ga ruith mar chomharra air gum bheil ceud bliadhna gu bhi ann bho rugadh am bàrd cliùiteach Somhairle MacGill-Eain.

Tha am farpais, a th’ air a chuir air dòigh le Urras Shomhairle, agus le taic bho Chomunn na Gàidhlig, a’ leantainn aig an ìre sa, is cothrom aig sgoilearan peann a chuir ri pàipear eadar seo agus meadhan an Fhaoillich.

Gheibh an sgoilear a ghleidheas a’ chiad àite barantas-Amazon luach £100 agus gheibh iadsan a bhios san dàrna ’s an treas àite £80 agus £60 an urra, ach a bharrachd air sin thathar an dùil an tagradh a ghlèidheas a chiad duais a chleachdadh ann an leabhar bhàrdachd ùr a thèid a chlo-bhualadh an ath-bhliadhna son cò-làtha bliadhna breith Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Tha cuireadh ga thoirt seachad an dràsta cuideachd dha feadhainn de bhàird ainmeil na h-Alba is na h-Èireann pìosan ùra dheasachadh dhan leabhar. Gheibh gach tagraiche fear de na leabhraichean aig Somhairle: O Choille gu Bearradh no Dàin do Eimhir

Thuirt Cathraiche Urras Shomhairle, an t-Urr. Eardsaidh Mac ’Ille Dhuibh: “Tha e mar uallach air an Urras obair agus beatha Shomhairle MhicGill-Eain tharraing gu aire dhaoine, agus tha sinn gu sònraichte airson an uallach seo chuir an cèill am measg an òigridh. ’S ann airson seo a tha sinn air am farpais seo chuir air dòigh, gus am faigh iadsan ’s dòcha an cothrom eòlas a chuir air obair Shomhairle agus gus am bith a chliù a’ leantainn am measg ginealach ùr.

Feumaidh fairpisich pìos bàrdachd ùr sgrìobhadh, ach tha an roghainn fhèin aca air cuspair, stoidhle agus faid. Thathas a’ cur fàilte cuideachd air tagraidhean bhon dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

Feumaidh tagraidhean bhi a-staigh ro Dhihaoine 14mh Faoilleach 2011. Postaibh na tagraidhean gu: Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ,  le “Farpais Bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain” sgrìobhte orra, le litir na cois a mìneachadh ainm an sgoilear agus seòladh na sgoile.  Feumar cuideachd lethbhreac dealanach a chuir gu: Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. – a-rithist air a chomharrachadh “Farpais Bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain.”

Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill: “Tha sinn gu math toilichte taic a chumail ris an fharpais seo, gach cuid a thaobh obair-rianachd, ach cuideachd a bhi cur beagan ri luach na duaisean. Tha fios againn uile ’san latha ’n-diugh cho cudromach ’s a tha e gum bith cothrom de gach seòrsa aig an òigridh a tha leantainn foghlam ’sa Ghàidhlig agus tha seo a’ gabhail a-steach farpaisean sgrìobhaidh cho luaithe air dad sam bith eile.”