Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

8mh Gearran 2010

Tha na mìltean de nòtaichean ùra ri’m faotainn le buidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan air Ghàidhealtachd airson leasachaidhean Gàidhlig. Tha seo ga fhoillseachadh an-diugh (Diluain 8mh An Gearran) le Comunn na Gàidhlig (CnaG).

Tha an airgead, £80,000 gu h-iomlan, ri fhaotainn tro thrì sgeamachan-taic a tha gu bhi a’ dol eadar seo agus deireadh an t-Sultain. ’S ann tro chùmhnant ChnaG le Iomairt na Gàidhealtachd (InG) a tha na sgeamaichean air steidheachadh.

Anns a’ chiad àite, tha Sgeama Soidhnichean ’s Margaideachd. Tha luach £25,000 anns an sgeama seo uile gu lèir, agus tha e fosgailte do chompanaidhean prìobhaideach, iomairtean sòisealta, neo buidhnean coimhearsnachd agus carthannach ann an sgìre InG. Faodaidh na buidhnean neo companaidhean taic airgid de suas ri £2,000 fhaighinn aig ìre suas ri 70% de chosgaisean ma tha sin freagarrach, airson soighnichean dà-chànanach air toglaichean, carbadan, air neo airson goireasan margaideachd eile. Tha an sgeama seo air a bhi air leth soirbheachail anns na bliadhnachan a chaidh seachad, le mu ceud buidheann neo companaidhean air feum a dhèanamh dheth.

’S an dàrna àite, tha Sgeama Ùr-ghnàthachaidh Gàidhlig. Tha luach £20,000 anns an sgeama seo gu h-iomlan agus tha e fosgailte do bhuidhnean a tha stèidhichte ann an sgìre InG. Faodaidh buidheann neo companaidh suas ri £15,000, aig ìre suas ri 90% de chosgaisean, fhaighinn airson pròiseactan ùr-ghnàthaichte a chuir an sàs, ceangailte ris a’ Ghàidhlig. Bhon sgeama seo thathas gu sònraichte ag amas air pròiseactan a dh’fhaodadh a leasachadh ’s a thoirt chun mhargaidh rè ùine, anns na prìomh roinnean chudromach de dh’eaconamaidh na sgìre. ’S iad sin: gnìomhachasan cruthachail; cumhachd; seirbheisean ionmhas agus gnothachais; biadh agus deoch; saidheans beatha; agus turasachd.

Mu dheireadh tha Sgeama Ath-bheothachaidh Coimhearsnachd. Tha luach £35,000 anns an sgeama seo, a tha a dh’aona-ghnothach fosgailte do bhuidhnean carthannach, buidhnean coimhearsnachd neo iomairtean sòisealta. A bharrachd air seo, tha an sgeama seo a-mhàin dha buidhnean a tha anns na ‘sgìrean dùbhlanach’, mar a tha iad seo air an comharrachadh le InG. Tha seo a’ gabhail a-steach a mhòr-chuid den chost an iar; ceann a tuath an t-Eilean Sgiathanaich; agus na h-Eileanan an Iar, ach a-mhàin sgìrean an Rubha agus a’ Bhac. Fon sgeama seo thathas gu h-àraidh ag amas air pròiseactan a bheir piseach air beatha-coimhearsnachd, agus far a bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe a’ gnothach. Dh’fhaodadh seo toirt a-steach pròiseactan cùram-chloinne; barrachd cleachdadh Gàidhlig sa choimhearsnachd neo air rèidio ionadail; trèanadh a bheir piseach air cothroman-cosnaidh ’s a’ Ghàidhlig; neo tachartasan stèidhichte air dualchas agus cultar na sgìre. Bhon sgeama seo faodaidh buidhnean suas ri £10,000 fhaighinn aig an ìre as àirde, aig ìre 70% de chosgaisean ma tha sin iomchaidh.

Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill; “Tha sinn ro-thoilichte a bhi ag obair às leth Iomairt na Gàidhealtachd gus na sgeamaichean chudromach is feumail seo an cur an sàs. Cha ghabh e àicheadh, ’s an latha a th’ ann, gu bheil cothroman ann do chompanaidhean, agus coimhearsnachdan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig, buannachd a thoirt às. Aig CnaG tha sinn dhen bheachd gu bheil na sgeamaichean seo nam meadhan air daoine bhrosnachadh gus brath a’ ghabhail air na cothroman sin.

“Tha e follaiseach, saoilidh mi, gu bheil na sgeamaichean seo feumail air fad, ach tha ùidh sònraichte againn anns an sgeama a tha ag amas air pròiseactan ùr-ghnàthach. Leis an taic seo, cò aig a tha fios dè dh’fhaodadh tighinn às? Teicneòlas neo pròiseact ùr a bheir a’ Ghàidhlig gu aire an t-saoghal?”

Thuirt Alasdair MacLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd: “Aig Iomairt na Gàidhealtachd tha sinn fada, fada dhen bheachd gur e rud bunaiteach a th’ anns a’ Ghàidhlig air feadh a’ mhòr chuid den sgìre againn – is aig an dearbh àm, tha sinn a cheart cho làidir nar smuaintean gu bheil a’ chànan na meadhan air leth gus an tuilleadh leasachadh eaconamach is coimhearsnachd a thoirt gu buil.  Leis a sin, tha sinn toilichte nis gum bheil na sgeamaichean seo air an cuir air dòigh le CnaG, agus mholadh sinn do bhuidheann neo companaidh sam bith aig a bheil ùidh unnta, sùil a thoirt air am fiosrachadh a tha ri fhaotainn, agus an uairsin bruidhinn ri oifigearan ChnaG.”

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na sgeamaichean ri fhaotainn air làrach-lìn ChnaG air neo le bhi fònadh oifisean ChnaG ann an Steòrnabhagh (01851 701802) neo Inbhir Nis (01463 234138).

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach