Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


4mh Ògmhìos 2007

Chaidh Co-fharpais Ball-coise na Cloinne Chomunn na Gàidhlig 2007 a chumail eadar 1030 agus 1530 air Disathairne an 2 latha den Ògmhìos aig Pàirc a’ Bhucht, Inbhir Nis.
Ghabh 13 sgoiltean bho air feadh Alba pàirt sa cho-fharpais le 22 sgiobaidhean de chòignear le clann eadar aois p4 –p7.

Chluich an dà sgioba aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an aghaidh a chèile sa chuairt dheireannach agus às dèidh geama gu math teann shoirbhich sgioba ghorm na sgoile 3-2.

Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig le taic bho Dhòmhnall MacSuain (cainnt.co.uk) a cho-òrdanaich na geamannan, Comhairle na Gàidhealtachd, Dwelly agus Raonaid Alcorn aig AirSplaoid.co.uk, MacRitchie Highland Distribution, An Gàidheal Ùr, Dealbhadaireachd Sandy Fea agus na pàrantan agus luchd-taic a chuidich mar rèiteirean tron cho-fharpais.

Se seo an darna turas a chaidh a’ cho-fharpais a chumail a leantainn air soirbheachas na farpais a chaidh a chumail am Peairt san Ògmhìos 2006 far an do bhuannaich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson a’ chiad uair.

Bha Aonghas MacLeòid a tha na cho-òrdanaiche leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig an sàs ann a bhith a co-òrdanachadh na co-fharpais:

"Tha tachartas mar seo gu math cudromach ann a bhith brosnachadh na Gàidhlig am measg a chloinn taobh a-muigh na sgoile a bharrachd air a bhith leasachadh sgilean spòrs agus a’ tabhann latha spòrsail don chloinn. Tha a’ chlann uile air am brosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn eatarra agus tha Gàidhlig aig na reiteirean cuideachd."
Tha Dòmhnall Mac a’ Phì na phàrant à Ghlaschu le mac anns a sgioba a bhuannaich: "Bha latha sgoinneil aig a chloinn air fiù ’s ma bha iad soirbheachail no nach robh."
Thuirt Eoghain Kelly maighstir sgoile aig bun-sgoil Crois na Cìse: "Chòrd e gu mòr ris a’ chloinn againn. Tha iad coimhead air adhart mar tha gu farpais an ath bhliadhna!"

Ghabh clann bho na sgoiltean a leanas pàirt anns a’ cho-fharpais;

Bun-sgoil Cnoc na Creige (Baile Dhubhthaich)
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Bun-sgoil Lìonail
Bun-sgoil na h-Àirde
Bun-sgoil an Àth-Leathainn
Bun-sgoil a’ Mheadhain (Inbhir Nis)
Bun-sgoil Loch Carrainn
Bun-sgoil Phort Rìgh
Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne (Sruighlea)
Bun-sgoil Gheàrr Loch
Bun-sgoil a’ Bhac
Bun-sgoil Baile Ùr an t-Slèibh
Bun-sgoil Crois na Cìse (Dùn Èideann)

Tha Comunn na Gàidhlig làn dùil a’ cho-fharpais a chumail a-rithist ann an 2008

Sgaoilidh Comunn na Gàidhlig fios mun ath cho-fharpais aig toiseach na bliadhna.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach