Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


Chaidh seo fhoillseachadh ann an 2006 agus chan eil an sgeama a ruith a-nis.

Tha buidhnean Òigridh air feadh na h-Alba air taic-airgid fhaighinn bho Chomunn na Gàidhlig le sgeama Iomairtean Òigridh. Tha an sgeama seo a’ maoineachadh bhuidhnean gus luchd-stiùiridh fhastadh a bhios ag obair le daoine òga tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an sgeama fhathast a’ ruith agus faodaidh buidheann sam bith taic-airgid fhaighinn mu choinneimh tachartasan òigridh tro mheadhan na Gàidhlig. Le foirm-iarrtais gu math simplidh agus ùine bheag airson an airgid fhèin fhaighinn, tha an sgeama seo a’ toirt cothrom do bhuidhnean tachartasan ùra a chur air dòigh le Gàidhlig.

Chan ann a-mhàin do bhuidhnean Sradagan a tha an sgeama ’s faodaidh buidheann sam bith taic fhaighinn mu choinneimh tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha na buidhnean a leanas air taic fhaighinn am bliadhna gun ìre seo:

  • Sradagan an Rubha
  • Rionnagan an Rubha
  • Taigh Dhonnchaidh
  • Sradagan an Òbain
  • Sradagan Loch a’ Bhraoin
  • Sradagan Obar Dheathainn
  • Sradagan Inbhir Pheofharainn
  • Sradagan Gheàrr Loch
  • Sradagan Mhalaig
  • Sradagan Innis an Uillt
  • Sradagan Chomar nan Allt

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach