Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

13 Dàmhair 2005

An t-seachdain seo chaidh thadhail buidheann do dheugairean Gàidhlig air Àrd Mhacha ann an Èirinn a Tuath mar phàirt den deasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

feadhainn den luchd-labhairt

Thàinig sgoilearan bho Bhaile Àth Cliath, Àrd Mhacha, Magherfelt (Co. Derry) agus Gweedore (Co Donegal) còmhla ri sgoilearan bho Phort Rìgh, Inbhir Pheofharain, An Gearasdan, Obar Dheathain agus Glaschu air an turas seo. A bharrachd air an Deasbad fhèin bha cuairt air Àrd Mhacha, oidhche shòisealta le aoigheachd bho Ceannard-baile Àrd Mhacha agus cuairt gu Gulliver le Gaeilge aig Trian Nmh. Pàdraig.

A rèir Sìne NicIlleathain bho Comunn na Gàidhlig tha a' phròiseact cudtromach ann a bhith a' dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain, agus mhìnich i "Chan e a-mhàin gu bheil na cuairtean seo a' thoirt cothroman do dh'òigridh Gàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a bha a' gabhail a-staigh iomadach cuspair sna naidheachdan, ach cuideachd a' toirt cothrom dhaibh measgachadh le deugairean ann an suidheachadh mion-chànain coltach riutha fhèin.

An lùib cuspairean na bliadhna seo, bha Cumhachd niùclasach, Àrd-sgoiltean Gàidhlig, cìsean rathaid ann am bailtean mòra agus cairtean ID. 'S e Brídín ní Mhaoldomhnaigh (Pobalscoil Ghaoth Dobhair, Co. Donegal) a bhuannaich a' phrìomh duais le Tessa Chaimbeul, Inbhir Pheofharain anns a chiad àite airson Alba agus Ryan Goodall, Coláiste Eoin a' tighinn sa chiad àite airson Èirinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach