Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

7mh Sultain 2006

Tha An Lòchran, buidheann Ealain Ghàidhlig Ghlaschu agus an Companaidh Taighe-Cluiche TAG a co-riochdachadh Pròiseict Dràma Ùr sònraichte, ann an Gàidhlig airson boireannaich òga. (16 – 25) Tha seo air a lìbhrigeadh troimh chompàirteachas le Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba (a’ ceangal coimhearsnachdan) agus Comunn na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh nàiseanta airson Gàidhlig.

Thèid bùth-obrach fhosgailte a chumail aig Taigh-cluiche Citizens, GLASCHU air Disathairne 9mh den t-Sultain aig 2f. An dèidh sin leanaidh 12 seachdain de bhùthan-obrach air feasgair Dimàirt a’ tòiseachadh 19 Sultain. Bithidh cothrom am pìos dràma ùr a chuir air àrd-ùrlar aig an Stiùideo Cearcall ann an Taigh-cluiche Citizens anns an Fhaoilleach 2007, roimhe seo bithear a’ dèanamh ullachadh air ann am meadhan an Fhaoillich.

Thuirt Sìne NicIlleathain, Manaidsear Leasachaidh Sgìreil aig Comunn na Gàidhlig, “Tha CnaG gu math toilichte a bhith nam pàirt dhen phròiseict inntinneach seo agus a’ coimhead air adhart le a bhith ag obair còmhla ri ginealach òga de luchd-labhairt na Gàidhlig”.

A-rèir an Oifigear Ealain Gàidhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu “Tha a’ phròiseact seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil An Lòchran a sìor dhèanamh ceanglaichean le roinn nan ealan phroifeiseanta (taigh-cluiche TAG agus Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba) ann an Glaschu, a’ ceangal ealantas chruthachail le leasachadh cànan na Gàidhlig. Mar thoradh air a’ phrògram òigridh agus air a phìos ùr de dhràma proifeiseanta seo ’s urrain do Ealain Ghàidhlig a bhith air an taisbeanadh ann an dòigh co-aimsireil agus ann an modh adhartach.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach