Skip Navigation
 

Sgeama Taic nan Oileanach 2008/09

Luchd Ceumnachaidh

Chaidh Sgeama Taic nan Oileanach a chur air bhonn an 2005 le Comunn na Gàidhlig gus cuideachadh a thoirt dha oileanaich a tha a’ toirt a-mach cùrsaichean Gàidhlig ann an oilthighean is colaistean na h-Alba. Bidh an taic-airgid a thathas a’ tabhann tron sgeama seo na chuideachadh mòr dha oileanaich le cuid de na cosgaisean a thig orra an lùib nan cùrsaichean aca.

Tha an sgeama seo a’ toirt prìomhachas dha oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsaichean teagaisg Gàidhlig ged a tha e cuideachd fosgailte dha gach oileanach a tha toirt a-mach cùrsa àbhaisteach ann an Gàidhlig.

Tha dà sheòrsa taic ga thabhann tron sgeama seo agus faodaidh oileanaich cuir a-steach airson an dà sheòrsa ma thogras iad. A bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic le na cosgaisean àbhaisteach a thig air oileanaich, bheir CnaG cuideachd taic dha oileanaich le cìsean oideachaidh far nach eil buidheann eile gam pàigheadh.

Thèid taic-airgid a thoirt do gach tagraiche a tha a’ cur a-steach airson taic le cìsean oideachaidh fhad ’s a tha dearbhadh againn gu bheil an iarrtas iomchaidh, agus nach eil dòigh aca air taic fhaighinn bho bhuidheann sam bith eile.

Ma tha airgead air fhàgail sa bhuidseat, thèid an còrr a roinn eadar cuid de na tagraichean eile mar bhursaraidh mar a chì an stiùiriche iomchaidh. Tha an àireamh de dh'oileanaich a gheibh bursaraidh a rèir an àireamh de dh'iarrtasan a gheibh CnaG agus tha an ìre de thaic a gheibh oileanaich a rèir an t-airgid a th’anns a’ bhuidsead.

Às dèidh dha CnaG a thighinn gu aonta air mar a thathas a’ roinn buidseat an sgeama, thèid seicichean a chur chun na h-oileanaich a bha soirbheachail tron a’ phost.

Tha CnaG an dòchas gum brosnaich an Sgeama seo mòran dhaoine gus cùrsaichean Gàidhlig aig àrd ìre a dhèanamh.

Postair (cruth PDF)   Foirm Iarrtais (cruth PDF)   Foirm Iarrtais (cruth Word)

openoffice.org   Get Adobe reader

Bòrd na Gàidhlig
Tha an sgeama seo air a ruith le Comunn na Gàidhlig is tha e maoinichte le Bòrd na Gàidhlig

dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2006 CnaG
site by reefnet